Skip to main content

‹‹‹ prev (356)

(358) next ›››

(357)
AAf FEAR-CIUIL. 333
Theagamh gu 'm bu chòir dhomh thoirt fainear, ged is
duilich leam aideachadh, gu bheil, maith dh' fhaoidteadh,
taiUear eile 'm bheachd as coireach air son trian de'n droch
bharail a th' agam air taillear na Manachainn. 'Nuair bha
mi 'm ghiir òg, bha e cur campar orm nach robh, a reir
coltais, uidhir meas aig muinntir eil' orm 's a bh' agam orm
fein. An deigh dhomh breithneachadh air an ni, b' e 'n co-
dhunadh gus an d 'thainig mi, gur e nach robh mi air mo
sgeadachadh ann an eideadh grinn a bu choireach, 's mar
sin, gu robh e buileach feumail deise de 'n chlò a b'fhearr a
thig à Sasunn fhaotainn ma bha dùil agam ri meas o dhaoin'
eile. Ach ciamar a bha'n deise sin r'a faotainn ? Cha robh
de dh'airgiod ann am sporan naphaigheadh air son currachd-
oidhche do bhreac-an-t-sil. Cha robh comas air ; cha robh
'san t-sealladh, matà, ach gu'm b'eigin dol troimh 'n t-saoghal
gun mheas, gun urram mar a b'fhearr a dh'fhaodainn.
Direach mar a bha mi 'n dèigh an gnothach a shuidheachadh
mar so, ciod a thachair ach am buaireadair fein ann an
riochd tailleir a thighinn am rathad 'gam cho-eigneachadh
gu deis' aodaich a cheannach uaithe. Thuirt mi ris nach
robh airgiod agam ; ach cha deanadh sin mùthadh sam bith
leis-san ; bheireadh e dàil dhomh gus am biodh e freagarrach
dhomh a phàigheadh. Dh' aontaich mi leis a so, 's dh'
orduich mi 'n deise. Thainig an deise gun mhoran dàlach,
's gle ghoirid 'na dèigh, thainig an cunntas ; 's cha b' fhada
'na dhèigh sin gus an d' thainig an taillear. Thàinig is
thàinig e, uair is uair ; 's direach mar thachair do thannasg
na Manachainn a thaobh cainnt, cha robh de chainnt aig an
taillear, ach cunntas mor, fada, liath, calp is riadh gun phàigh-
eadh ; co-dhiù, b'e sin suim a' chomhraidh air gach turus.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence