Skip to main content

‹‹‹ prev (276)

(278) next ›››

(277)
AAf FEAR-CIUIL. 253
coltais, na'n rachainn ceum na b'fhaid' air m' aghaiclh gu'n
eireadh na bu mhiosa dhomh. Feumar aideachadh gu'n do
chuir an sealladh-gun-iarraidh so giorag orm. Sheas mi mar
a bha rai car tiota, a ghabhail a stigh suidheachadh an fhear-
ainn. Bha 'n abhainn air an dara taobh dhiom 's i 'na tuil, 's
bha balla cloiche, seachd no ochd troighean air àirde, air an
taobh eile ; 's bha 'n leomhann beucach so 's an t-slighe, 's e
sireadh co dh' fhaodadh e shlugadh suas. Bha e soilleir nach
robh e'n comas domh gabhail seachad air an taobh eile. ThiU
mi ceum no dhà air m' ais ; cha 'n ann a chionn gu robh eagal
orm roimh 'n aog, ach a bhuidheann beagan uine air son
cuimhneachadh air na daoin' o'n d'thainig mi, agus mi fein
uidheamachadh air son blàir. Chuimhnich mi air ni no dhà;
ach cha bu chuimhne leam gu 'n d'rinn aon duine bhuineadh
dhomh euchd mor sam bith am measglhannasg. Smuaintich
mi 'n sin air Buidseach Endor, 's airTàillear na Manachainn,
ach cha b'ionann an cor-san 's mo chor-sa. Bha Uallas is Brus,
Lachann Mor 's Dubh-sìth, maith gu leòir; ach bha tuagh-
anna cogaidh 's biodagan 's rudan mar sin acasan, 's cha robh
uidhir a' bhiorain bhata agamsa. Cha robh so a' dol a dhean-
amh feum sam bith ; 's bha e gu buileach feumail rudeigin a
dheanamh. Smuaintich mi nach bu mhisd' an gnothach am
balla cloiche bhi eadar mi 's am fear a bh'air ti mo mhillidh.
Streap mi thar a' bhalla, 's shnàig mi air m' ais 'na dhubhar gus
an d' rainig mi 'n t-àite 'san d'fhag mi taibhse GhoHath. Bha
nis m' anail am uchd, 's m' fhallus 'gam dhalladh, is —
" Chluinneadh mo chluas an fhuaiin a bhitheadh
Aig- hiath's nio chridhe ri m' thaobh."
Mu dheireadh, ghabh mi cuid mo chunnairt 's thug mi suil

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence