Skip to main content

‹‹‹ prev (275)

(277) next ›››

(276)
252 AM FEAR-CIUIL.
TANNAISG NAN LAITHEAN A DH'FHALBH.
A bhana-charaid ionmhuinn,
Am faca sibhse riamh an rud sin ris an abair sinn tannasg?
Theagamh nach 'eil sibh a' creidsinn 'na leithid. Cha mhotha
bha mise uaireigin de'n t saoghal, 's bha mi a' cur spleadh-
achas mu bhòcain 's mu shithichean, mu ghnothaichean mi-
chneasda mar sin an suarachas. A bharr air sin, bha mi,
iomadh uair, 'g am chur fein as mo ghabhail, direach a leigeil
ris cho beag suim 's a bh' agam de 'n bhathar shìth sin.
Chrath daoine bu shine 's a bu ghlice na mi fein an cinn, 's
chuir iad air mhanadh gu 'n eireadh olc dhomh uaireigin.
Ghabh mise mo rathad fein, mar as gnath leis an oigridh
a dheanamh ; ach thig gliocas oirnn le aois ma thig e idir.
Oidhche ghaothar gheamhraidh, 's neoil dhorcha, ghruam-
ach a' ruagadh a chèile air aghaidh na speur, 's a' doilleireach-
adh a bheagan a bh' ann de 'n ghealaich, dh'fhalbh mi a dh'
fhaicinn caraid dhomh a bha mu thuaiream mìle gu lelh
a dh' astar uam. Ghabh mi air mo thuras gu sunndach a'
feadaireachd, "Gabhaidh mise 'n rathad mor, olc air mhaith
le càch e." Cha deachaidh mi ro fhad' air m' aghairt 'nuair
a thug tionndadh de 'n rathad an sealladh na mara mi ; 's cicd
a b'iongantaiche leam fhaicinn na cruth mor, iargalta, an
riochd duine, eadar mi 's a' mhuir, agus direach anns an
rathad a bha mi gabhail. Cha luaithe chunnaic e mi na thilg
e chrògan an àird 's an adhar, 's mhaoidh is bhagair e, a reir

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence