Skip to main content

‹‹‹ prev (242)

(244) next ›››

(243)
AM FEAR-CIUIL. 219
colg na dunach air. "Caisg do chù," arsa mo charaid. Thug
mi fein pailleart do 'n chù 's thuirt mi ris gu 'm b' fhearr dha
amharc as dèigh a' chait 's gun fhios ciod a bha e ris. Am
prioba na sul, bha e fein 's an cat ann am muinealan a cheile.
Chuir sin stad obann air an naigheachd, 's dh' fhag mo
charaid an t^gh le freimseadh cho mor 's nach d' fhuair mi
uidhir is beannachd fhagail aige." ''Seadh, seadh," arsa fear
a' choin fhiaclaich, " nach robh cho maith dhuit a radh nach
do chreid thu na thuirt mise mu dhèighinn a' choin so?"
"Ni h-eadh," arsa mise, " chreidinn-se ni sam bith mu
dhèighinn a' choin sin." 'S cha mhor nach robh so fior, oir
chreidinn ni olc sam bith mu'n cheart bhrùid. Smaointich
mi nis gu 'm bu leòir, air son aon latha, na dh' innis mi
bhreugan, 's thionndaidh mi mo cheum dhachaidh, ach mu'n
do rainig mi an tigh, thachair fear eil' orm. Fear de 'n
t-seorsa sin aig a bheil slugadh cho farsaing air son
naigheachd fhior no bhreugach, 's gu sluigeadh e lonah 's
a' mhuc-mhara gun uidhir is fiacail a chur orra. Rinn mi
deas air a shon 's dh' innis mi dha tè de na breugan mora
sin a bhios mi 'g innseadh do "Fhionn" corr uair, 's rinn mi
'm brochan cho tiugh air a shon 's gu'n seasadh maide na
poite ann, ach cha do chuir sin gaise air. 'S ann a thuirt an
duine truagh, 'nuair bha crioch air mo naigheachd ; " O,
dhuine ghaolaich, nach eil fhios gur fior sin?" Tha mi 'g
radh ribh gu'n duraichdinn a bhreabadh.
Bh' uaithe so, tha mi 'n dochas gu bheil e soilleir
dhuibh cho breugach 's a tha h-uile duin' ach mi fhein,
's airson aon dad a chaidh mi thar smior na firinn,
gur iad na daoine baoghalt' a thachair orm a bu choir-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence