Skip to main content

‹‹‹ prev (241)

(243) next ›››

(242)
2i8 AM FEAR-CIUIL.
an-earbsach as a chù. "Cìi cho teò chridheach," ars' esan,
" 's a laidh riamh ann am broilleach duine, agus sin agad far
a bheil a leaba h uile h-oidhche bhios mis' aig an tigh."
"Cha 'n 'eil teagamh agam," arsa mise, "nach coimh leapach
gle ghrinn an cù, ach 's fearr leam am fear sin ann ad bhroiU-
each fein na'm bhroiUeach-sa." Thòisich e'n sin air spleadh-
raich mu ghHocas 's mu threuntas a' choin, gus an robh mi
seachd searbh dheth. A ghearradh goirid a rò-sgeul, thuirt
mi fein nach bu ni sam bith sin lamh ri ghocas cu-chaorach
a bh' agamsa. " Seadh," ars' esan, " agus ciod a ni 'm
fleasgach sin?" "Ni," arsa mise, "a h-uile ni a theid iarraidh
air a dheanamh, agus tuigidh e h-uile facal seanachais a
bhios againn 'na lathair." "Ciamar a tha fhios agad?" ars'esan.
"Mar dhearbhadh air sin," arsa mise, "thainig caraid thun an
tighe, air an oidhche roimhe ; duine a chunnaic moran de'n
t-saoghal, 's thòisich e air innseadh mu ghàbhadh cuain ssn
robh e aon uair. Bha " Yarrow" 'na laidhe taobh na teine 's
e cumail a chluais fosgailte. Mar bha naigheachd nio
charaid a' dol air a h-aghairt, bha ghaillionn a rug air an
luing aige a' fàs na bu chruaidhe 's na bu chruaidhe, gus mu
dheireadh am b' fheudar dhomh fein mo chasan a chur am
forcacJh ris a' bhalla, cagal 's gu rachadh mo thilgeil air mo
chinn-thota. Bha " Yarrow" a' fàs neo-shocair 's e dranndail
ris fein. Thug mi bruideadh dha a chur clos air. Dh'amhairc
e orm, agus air m' fhacal firinneach, chaog an slaoightire a
shuil rium, a cheart cho cealgach 's ged a bhiodh e dol a
shuaip each ri fear na naigheachd. Ach 'nuair a chual e
iomradh air a' ghaoth bhi cho laidir 's gu robh i spionadh
an fhuiU bharr cinn nan seoladairean, leum e air a bhonn 's

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence