Skip to main content

‹‹‹ prev (160)

(162) next ›››

(161)
AAf FEAR-CIUIL. 137
" Gruagach òg a' chuailein òr-bhuidh," 's shaoil mi gu 'n
deanadh sin feum maith gu leòir air son ceann peallach
ruadh; ach mu 'n chridhe, ged a bha làn-fhios agam gu'm
b'e moran a bu luachmhoire na'n ceann, cha robh diog
agam ri ràdh. Bha sin dhomhsa, mar an t-ionad ro naomh,
nach robh còir agam air innteart. Chuir so smaoin no dhà
am cheann, ach cha robh iad idir de 'n t-seorsa gheibhear
ann an Oran-gaoil. Fhreagradh iad na b' fhearr am
Marbh-rann. Cha deanadh so feum. Spion mi mo cheann,
's bhreab mi mo chasan, 's thug mi roid no dhà trasd an
urlair 's mi cur dhiom mu Iseabal. Ach cha bu mhor a b'
fheaird mi sin. Cha robh a' Cheolraidh fabharrach, 's cha
robh an gnothach a' cordadh rium. Cha mhotha na sin a bha
e cordadh ri Yarrow. Bha esan a' cumail suil nuagach
orm, 's gun e idir a' tuigsinn ciod am buaireas a thainig orm,
no ciod a bu chiall do 'n bhaothaireachd so mu dhèighinn
Iseabail 's a cuailein òr-bhuidh ; smaointich e gu robh an
t-àm stad a chur air. Thug mis' aig a' cheart àm lamh air
mo chota thilgeadh dhiom ; ach ma thug, cha robh sin
dhomhsa mar mo chuid fein. Leum an creutair coirbte sin
air a bhonn agus colg air a chuireadh eagal air duine sam
bith ach duin' aig am biodh cuibhrionn dhubailte de spiorad
na bardachd. Ach a leithid sin a dhuine, 's e as a lèinidh,
a' deanamh orain d'a sheann leannan ; cha robh e tearuinte do
bheathach no do dhuine grabadh a chur air. Leis a sin thug
mi pailleart 's a' chluais do 'n chih, 's dh' orduich nii mach as
an tigh e. Thug e grad leum thun an doruis, ach air an
rathad thachair an cat air. A nis bha 'n cat cho neo-
choireach ris an iiaoidhean air a chìch mu dhèighinn Iseabail;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence