Skip to main content

‹‹‹ prev (159)

(161) next ›››

(160)
136 AM FEAR-CIUIL.
a dh' ionnsaich mo sheanair dhomh, bha amhach na circe
sgarte bho a coUuinn. Chuir sin stad air a goganaich ; ach
ma chuir, bha amhach eil' ann nach robh cho soirbh a
cur 'na tosd. B' i sin amhach na ban Eirionnaich d'am
buineadh a' chearc. Thainig i, 's fada-cruaidh air a bathais,
's a teanga cho geur ris an ealtuinn. Theich mi fein as an
rathad 'nuair a chunnaic mi tighinn i, 's dh'fhag mi bean-an-
tighe a rèiteach a' ghnothaich mar a b'f hearr a dh'fhaodadh i.
Tha mo bheurla-sa maith gu leòir a stuigeadh nan con, 's a
dheanamh gnothaichean beaga timchioll an tighe ; ach
nuair thig e gu trod 's gu h-iorguiU^ cha 'n 'eil feum sam
bith oirre. Bheireadh e gàir' air seann each a bhi 'g eisdeachd
ris na mnathan ; ach, mo chreach ! cha b'aobhar ghàire na
bha bhan-Eirionnach a' cur an eiric na circe. Sin agaibh
eisimpleir bheag de'n ni a tha mi ciallachadh leis an obair
a b'fhearr a bhi gun deanamh.
Bho chionn beagan ùine, chuir duin' uasal ann an Glascho
fios thugam Oran-gaoil a dheanamh, 's a chur thuige gun
dàil. Bha toil mhor agam comain a chur air an duin'-uasal,
ach bha cho fhad' o'n a bha mis' ann an gaol 's nach robh
cuimhn' agam air a bheag mu dhèighinn. Bha e cheart cho
soirbh dhomh rannan a dheanamh air an triogh, no air a'
ghriobhaich, no tura'inn sam bith eile thachair dhomh
ghabhail ann an laithean m' oige. Coma codhiù, thug mi
oidheirp bhearraideach air beagan fhacal a chur r'a chèile.
Thagh mi 'n t-ainm a bii fhreaganaiche leam à measg mo
sheann leannan, 's b' e sin Iseabal. Bha cuimhne glè mhaith
agam air Iseabal bhochd. Bha 'cridhe cho glan ri bonn òir,
agus a ceann cho ruadh ris an t-sionnach. Chuir mi sios

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence