Skip to main content

‹‹‹ prev (113)

(115) next ›››

(114)
90 AM FEAR-CIUIL.
Shuidh i greis leam air a' bhruaich so,
'S sheinn i 'n duanag òrain,
A rinn mi-fhein mu shealg an fhèidh,
Creid mi, dh' èisd na h-eòin rìth' ;
Ach 's beag feum dhomh bhi 'g a leughadh,
'S lèir dhuit fein an còrr dheth,
Mis' ag at do bhùirn le m' dheuraibh,
'S ise, 'n euchdag, pòsda.
Soraidh leat, bidh mis' a' triall uait,
O'n tha ghrian air tearnadh,
Smuaintean cianail 'g am shior-phianadh,
'S iargain toirt mo chàil uam ;
An tom luachrach sin air ghluasad,
'S e cur cuairt mu 'n làraich,
'S air an leargainn coslas ainmhidh
Nach do dh' ainmich Adhamh.
\

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence