Skip to main content

‹‹‹ prev (112)

(114) next ›››

(113)
AM FEAR-CIUIL.
TOBAR- LEAC - NAM - FI ANN.
Fhuarain fhìor-ghloin chois na frìthe,
'S fearr na fìon na Spàinne,
Do bhùrn miHs tigh'n o 'n ghrinneal,
'S biolair a' cùr sgàil ort ;
Tha thu mar lèigh le slàint' fo d' sgèith,
Do gach creutair pàidhteach,
O 'n uiseig riabhaich anns an riasg-fheur,
Gu damh ciar na cràice.
O dheas 's o thuath, thar bheann is chuan,
Thig ort sluagh gun àireamh,
A dh' òl do bhtiirn as àirde cHù,
Dh' ùrachadh an càileachd ;
Gach buaidh aithnichte riut ceangailt',
'S Hehcon nam bàrd thu,
Bho 'n thum Oisean annad fheusag,
Air an Fhèinn chaidh t' fhàgail.
Measg nan ceud de nìghnean Eubha
Sheall orr' fein ad sgàthan ;
'S cuimhne leatsa òighe dhreachmhor,
Ann am mais' thug bàrr orr' ;
Air fad do chuairt o bheinn gu cuan,
Am faic thu snuadh as àille ?
As grinne beus, no 's gile deud,
'S a guth mar theud na clàrsaich.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence