Skip to main content

‹‹‹ prev (78)

(80) next ›››

(79)
AM FEAR-CIUIL, 55
Air faidead mo chuairt am mhòr-chrios,
Am shealladh tha' n leomhann garg ;
'S gun eilean an cuan, no mòr thir,
'S nach fhaic mi an còta dearg.
A h-uachdranachd thar nan Innsean,
Bho Indus gu Mandalay ;
A cumhachd a dh' fhàs troimh lìnntean,
Cha lugha e 'n diugh na 'n dè.
Moch-thrath 'n diugh anns a' chearn sin,
Do mhuiUionaibh sàraicht' sluaigh,
Thug Breatunn an aran làitheil,
Mu'n d' mhosgail thu, bhàird, à d' shuain.
Measg ghinealach lag, 's e h àbhaist
Bhi togail an àird an t sluaigh,
'S a' tagairt an cùis 's gach àite,
'S gu minic an cànain chruaidh.
Gun chearn, gun earrann de 'n t-saoghal,
No eilean a dh' fhaoidte luaidh,
'S nach 'eil a teachdairean saoithreach,
A' teagasg gu saor an t-sluaigh.
Sheall mi air fearann nam Phàraoh,
Do lacob fearann na daors' ;
Tha Breatunn, an diugh, 'ga àiteach,
'S aig ciomach is tràiU tha 'n saors'.
Ach chreachadh na h-aitean àrda ;
Tha Memphis 'na sgàrnach gharbh ;

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence