Skip to main content

‹‹‹ prev (77)

(79) next ›››

(78)
AM FEAR-CIUIL.
IMPIREACHD BHREATUINN.
Am Bard.
A ghrian tha 'g èirigh thar mhonadh,
A' sealltainn romhad 's ad dhèigh,
'S a' gluasad mu'n cuairt an domhain,
Le freumh an toraidh fo d' sgèith.
Thoir dhomhsa sgeula do thuruis,
O'n thog thu umad an dè ;
Na chunnaic 's na chual thu 'd shiubhal,
Air uachdar a chruinne-chè.
Bheil Breatunn a' gleidheadh a h-àite
Measg rioghachdan làidir, treun,
No bheil a treise 'ga fàgail,
Mar thachair do Bhàb'lon fein ?
A' Ghrian.
Air chuan tha luingeis gun àireamh,
'S a' mhuir dhaibh mar fhàsaich luim ;
Triall air an turus cho sàbhailt,
'S ged bhiodh iad air àird an fhuinn.
Cabhlaichean Bhreatuinn 's gach àite
'S am faighear sàil air son luing ;
A bratach 's na croinn as àirde,
Air faiche 's air bhàrr na tuinn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence