Skip to main content

‹‹‹ prev (486)

(488) next ›››

(487)
479
saogliail. Gcd tha muinntir eile, aig am Lheil an nithe
talmhaidh a' suidheachadh an cridheachan orra, mar na
nithe . a 's fearr ; gidheadh buinidh dhuibhse bhur cosan
a chur orra, a chioun gu bheil bhur nithe a 's fearr shuas.
Cha 'n 'eil san t-saoghal so ach an duthaich, tre am blieil
bhur sliglie gu fearaun Immanueil : Uime sin, imichibh
troimh mar luchd turuis agus coigrich ; agus na rachaibh
a steach 'na chùramaibh 's na dhripibh, ann an rathad a
bhacadh bhur n-astar. Cha'n f hiu do neach a ta air a bhreith
gu luchairt, a chridhe shuidheachadh air bothan, gu comh-
nuidh ghabhail ann ; agus do neach a ta ruith air son duais
ùir, dol as a rathad, a chruinneachadh clochan an t-sruthain :
Ach is mù gu mòr nach fiu e do oighre, rìoghachd neimh,
a bhi air fholach am measg airneis an t-saoghail so, 'nuair
bu chòir dha bhi dol air aghaidh a dh'fhaotainn a chrùin.
Tha 'u duais a ta air a cur mu 'r comhair, ag agradh bhur
n-eud ro-mhor, bhur saothair agus dìchioU : agus is maith
a thig e dhoibhsan a ta ris a' chrùn a shealbhachadh, mis-
neach naomha, rùn seasmhach, agus treubhantas-inntinn
a bhi aca. Cha 'n urradh dhuibh tighinn gug a' chrùn, gun
bhur rathad a chogadh d' a ionnsuidh, tre dheuchainnean
"n taobh a mach, agus o 'n taobh a steach ! Ach is leoir an
rìogliachd a ta roimhibh gu 'n cothromachadh uile, ge do
bhiodh sibh air bhur gairra gu seasamh eadhon gu fuil.
Roghnaichibh cranu-ceusaidh Chriosd roimh chrùn an t-
saoghail ; agus uireasbhuidhean, ann an slighe dleasnais,
roimh fhois agus saoibhreas ann an slighe pheacaidh :
" Roghnaichibh amhghar fhulang maille ri sluagh Dhè,
roimh shòlas a' pheacaidh a mhealtuinn rè seal," Eabh. xi.
25. Ann an tigh-òsda cumauta, theagamh gu 'm faigh
coigrich uidheachd ni 's fearr na chlann ; ach is ann an so,
tha *n t-eadar-dhealachadh, nach 'eil aig a' chloinn ni ri
dhìoladh air son na f huair iad ; ach gheibh na coigrich au
cunntas, agus is eigin doibh làn-dioladh a dheanamh air
son na fhuair iad. Nau smuainicheadh sinn air an ath-
dhioladh a th' aig na h-aingidh ri dheanamh air son uile
shuilbhireachd an f hreasdail chumanta a ta iad a' faotainu
auns an t-saoghal, cha ghearan amaid airson nan nithe maithe
th' aca an so ; agus cha ghabhamaid gu h-olc gu bheil Dia a'
gleidheadh ar nithe a 's fearr dhuinne gus a' cheann mu
dheireadh. Ni nèamh suas uile challdach nan naomh, agus
bithidh gach uile dheòir air an tiormachadh o 'n suilibh anu
au sin.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence