Skip to main content

‹‹‹ prev (478)

(480) next ›››

(479)
471

av suilean, Sàsuichidh làthaireachd agus lan-mhealtumn
Dhè agus an Uain sinn le h-aoibhneas gu shiorruidh : agus
bheir giòir ar n-anama agus ar cuirp, a ta 'g eirigh uaitii
sin, toil-inntiun shiorruidh dhuinn ! Spiorad an airsneil,
ciod air bith co dluth 'sa tha e leantuinn ri aon do no naoimh
san àm so, tuitidh e ann an sin diubh : Bithidh am bròn air
a thionndadh gu h-orain aoibhneis, agus criochnaichidh
ani buideile deòir ann an aimhnichibh sòlais. Is sona
dhoibhsan a ta nis a' cur sìol le deuraibh a dh'fhàsas suas
le gàirdeachas, ann an neamh, agus a chromas an cinn au
sin Ìe cudthrom do ghlòir orra.
An f had so mu 'n chomunn ann an riogliachd so nan
naomh.
X. San àke mu dheireadli, Mairidh an rioghachd gu
saoghal nan saoghal. Mar a ta gach ni a ta innte siorruidii,
mar sin bithidh aig na naoimh còir chinnteach agus laa
dearbh-bhoachd air siorruidheachd an ni sin. Is ni ro-iom-
chuidh so am an sonas iomlan ; oir cha 'n 'eil an neo-chinn-
teachd a's lugha, mu bhuanacliadh maith sam bith do neacb,
gun chaileigin a dh' eagal, curam, agus pian; agus uime sm
tha e gu h-uile neo-f hreagarachri sonas iomlan : Ach cha'u
'eil eagal gu brath, na aobhar eagail, niu challdach sam
bith, aig a' mhuinntir ghlòraichte ; bithidh iad "gu sior-
ruidh maille ris an Tighearna, 1 Tes. iv. 17. Ruigidh
iad air lan dearbh-bheachd, nach bi ni sam bith comasach
air an sgaradh a ghradh Dhè, no o lan-mhealtuinn, gu sior-
ruidh. Tha 'n oighreachd a ta " air a coimhead sna
neamhaibh neo-thruaiUidh ;" cha 'n 'eil siol truaiUidheachd
aice innte fèin, gu deanamh buailteach do sheargadh, ach
mairidh i gu siorruidh : Tha i neo-shalach ; cha 'n urrainn
do ui o'n taobh a mach a maise amhiUeadh, agus cha'n 'eil
innte fèin ni a bheir oilbheum dhoibhsan a ta 'ga mealtuinn ;
agus uime sin cha chaith i air falbh, ach mairidh i gu
siorruidh 'na soillse fein, agus 'na priomh-mhaise, 1 Phead.
i. 4. An f had so mu nàdur rioghachd neimh.
>S'rtn dara àite, Theid sinn a nis air ar n-aghaidh a labh-
airt rau ghabhail a steach nan naomh d' au rioghachd so ;
far au labhair mi gu h-ath-ghearr air dà ni : (1.) Am modh
air an gabhar a steach iad, leis a' ghairm a bheirear dhoibh
'n Bhreitheamh, teachd gu 'n rioghachd. (2.) An inbhe
sam bheil iad air an gabhail a steach agus air an treòrach-
adh d' a h-ionnsuidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence