Skip to main content

‹‹‹ prev (476)

(478) next ›››

(477)
469
a" clireutair. Agus tha e coslach gur e so an ui bh' aig an
t-Salraadair 'na bheachd, Salra xvi. 15. " Sàsuichear mi,
'nuair a dhùisgeas mi le d' chosamhlachd ;" le iomlain-
eachd iomhaigh Dhè a' leantuinn air an taisbeanadh
shona. Agus mar sin a deir Eoin, 1 Eoin iii. 2. " Bith-
idh sinn cosmhuil ris ; oir chi sinn e mar a ta e !" Uait
so, bithidh ceangal dlùth agus ionmhuinn eadar Dia agus na
naoimh : Bithidh Dia anuta-san, agus iadsan ann an Dia,
ann an rathad aouaidh iomlan agus ro ghlùrmhor, oir an
sin gabhaidh iad còmhnuidh ann an gràdh air a dheanamh
iomlan ! " Is gràdh Dia ! Agus an tì a ta fantuinn
aun an gràdh, tha e 'na chòmhnuidh ann an Dia, agus Dia
annsan," 1 Eoin iv. 16. "Cionnus a cheanglas na naoimh
ri Dia, agns esan riusan, 'nuair nach faic e aon ni annta
ach 'iomhaigh fèin ; 'nuair a thig an gràdh g' a iomlaineachd,
gun uàdur air f hàgail annta ach an nàdur diadhaidh, agus
gach uile neo-iomlaineachd air a shlugadh suas anns a'
chruth-atharrachadh ghlòrmhor sin, gu coslas Dhè ! Air
d' an gradh do Dhia bhi air a ghlanadh o shalachar fein ■
ghraidh, bithidh e fior-ghlan, air chor as nach bi grùdh
aca do ni sam bith ach Dia, agus ann ari Dia ! Cha bhi
an gràdh ni 's mò fann agus lag, ach lasaidh e mar eibhle
aiteil. Bithidh e 'na sholus as eugmhais dorchadais, 'na
theine lasarach, gun deatach ! Mar tha 'n eibhle bheò, an
tra theid a bhrigh fhliuch uile mach aisde, gu leir 'na
teine, mar sin bithidh na naoimh gu lèir 'nau gràdh, 'nuair
a thig iad gu Dia a làn-mhealtuinn ann an nèamh, le
eòlas tuigse agus faireachdain uime, le sealladh agus comh-
pairteachadh iomlan a mhaitheas dhiadhaidh.
San àite mu dheireadk, 'n lathaireachd agus o 'n t-sonas
ghlòrmhor so, eiridh aoibhneas do-labhairt, leis am bi na
naoimh air an lionadh : " Tha mòr-shubhachas aig do
dheas-Iaimh gu siorruidh," Salm xvi. 11. Tha na naoimh
air uairibh a' mealtuinn Dhe anns an t-saoghal, an uair, air
bhi d' an suilibh air an cumail, air chor 's nach urrainu
doibh a thoirt fa'near, cha 'n 'eil comhf hurtachd an làn-
mhealtuinn aca ; ach ann an sin, air do na h-uile mearachd
a bhi air an toirt air falbh, cha 'n e mhain gu meal iad
Dia, ach fanaidh iad anus an lìin-mhealtuinn, le h-aoibh-
neas agus tlachd do-labhairt ! Ginnidh iarrtuis nithe an
t-saoghail pian, agus crìochnaichidh an sealbhachadh gu
tric ann an gràin diubh : Ach ge do bhitheas ua riaoimh gu
Pw r

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence