Skip to main content

‹‹‹ prev (451)

(453) next ›››

(452)
444
ciod na h-amanna san robh trusgain gheal air an gnàth-
achadh gheibh sinn mòran do uèarah annta.
Air tùs, 'Nuair thug na Romanaich saoi'sa d' an traillibh,
thug iad dhoibh èididh gheal, mar chomharra air an saorsa.
Mar sin gheibh na naoimh air an là sin, an culaidhean
geala ; oir is e là saorsa glòrmhor cloinne Dhè e, (Rom.
viii. 21.) là saorsa an cuirp, rann 23. Cha 'n fhaic iad gu
bràth tuille tigh na daorsa, 's cha luidh iad tuiUe am
measg phota. Ma choimeasas sinn staid nan naomh air
thalamh ri staid nan aingidh, is staid shaorsa gun amhar-
us i ; ach is staid thràilleil an staid eile ; ach ann an
coimeas r' an staid air uèamh, cha 'n 'eil innte ach seirbhis
chruaidh. Tha naomli air thalamh gun amharus 'na
phrionnsa, 'na oighre air criìn : ach feudaidh so a bhi
sgrìobhta air, " Tha mi a'm' sheirbhiseach ;" oir, " cha 'n
'eil eadar-dhealachadh sam bith eadar e agus seirbhiseach,
ged is e Tighearn nan uile," Gal. iv, 1. Ciod iad osnaich
duine naoimh, an obair shuarach agus iosal anns am bheil
e 'n sàs air uairibh, an t-eudach dubh agus luideagach sam
bheil e ag imeachd, ach comharran na seirbhis chruaidli
so ? Ach 'n là san tig na naoimh gu "n crùn, gheibh
iad an saorsa iomlan, agus cha seirbhisich iad ni 's mò.
Bithidh iad air an làn-shaoradh o pheacadh, an ni sin do
na h-uilc, a 's miosa araon ann fèin, agus 'nam fiosracli-
sau mar an ceudna : 'Cia mòr uime sin a 's èigin do 'n t-
saorsa sin a bhi, 'nuair na h-Eiphitich, a chunnaic iad an
diugh, nach faic iad a chaoidh tuiUeadh } Bithidh iad air
an saoradh o gach uile bhuaireadh gu peacadh : Cha bhi
oothrom aig Satan am buaireadh ni 's mò leis fèin, no le
sheirbhisich. Bheirear lan-fhreagradh an siu do 'n iarrtus
sin, a dh' ainmich iad co tric. " Na leig ann am buaireadh
sinn. Cha tig nathair shèideach tuiUeadh do 'n Phàras
shuas ; cha 'n fheud ribe no bacadh bhi air an cur an sin,
a ghlacadh cosan nan naomh : Feudaidh iad imeachd ann
an sin gun eagal, cir cha 'n urrainn doibh a bhi anu an
cunnart : Cha 'n 'eil slochd leomhan, no beannta nan
leopard aun an tir a' gheallaidh. Ni h-eadli cuirear iad an
taobh thall do chomas peacachadh, oir bithidh iad air au
daingnoachadh ann am maitheas. Bithidh e 'na lan-.shaors:i
d' an toil, a bhi gu bràth neo-chaochlaideach gu maith a
dheanamli. Agus bithidh iad air an saoradh o uilo thoradh
a' plieacaidh : " Cha blii bàs anu ni 's mò, no bròn. no

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence