Skip to main content

‹‹‹ prev (450)

(452) next ›››

(451)
443
an air uairibh, air dhoibh a bhi 'nan luchd-buaidh ; searg-
aidh an crùn sin gu h-ealamh, aca cha searg an crùn-saii
gu bràth. Cha chrùn òir e, leithid 'sa tha righre talmh-
aidh a' caitheadh ; tha eadhon crùn òir gu tric air a shal-
achadh, agus air a' chuid a's fearr, cha 'n urrainn e iadsan
a ta 'ga chaitheadh a dheanamh sona. Ach 'se bhios ann
crùn glòire. Crùn glòire, is e crùn na beatha e, (Taisb.
ii. 10.) a' bhoatha sin do uach aithne crìoch ; crùn nach
urrainn bàs gu bràth a t])0Ìrt bhàrr an cinn. Is èigin da
bhi 'na chrùn maireannach, oir is crùn fireantachd e, 2 Tim.
iy. 8. Bha e air a cheannach dhoibh le fireantachd
Chriosd, a ta air a meas doibh ; tha iad air an dcanamh
iomchuidh air a shon le fireantachd san taobh a stigh ;
tha fireantachd no firinu Dhe, 'ga dheanamh cinnteach
dhoibh. Bithidh slat rìoghail aca, slat iaruinn, (Taisb. ii.
27.) uamhasach do 'n t-saoghail aingidh uile ! Agus claidh-
eamh mar an ceudna, "Claidheamh dà fhaobhair 'nan
laimh, a clium dioghaltas a dheauamh air na cinnich,
smachdachadh goirt air na slòigh, Salm cxlix. G, 7.
Gheibh iad dèise rioghail. Tha na culaidhean rioghail
anns an rioghachd so 'nan culaidhibh geala, Taisb. iii. 4.
" Imichidh iad maille riumsa ann an culaidhibh geala."
Agus tha na cukidhean sin, air dòigh ro-àraidh, a' comhar-
rachadh mach staid glòir do-bhreathnaichte nan uaomhanii
an nèamh !
Thoilich e an Tighearna gu tric staid na naomh ann an
glòir a nochdadh dhuinne, fo bheachd iad a bhi air an
sgeudachadh ann an eudaichibh geala. Tha e air a
ghealltuinn do 'n ti bheir buaidh, gu'm bi e " air a sgeud-
achadh ann an eudach geal," Taisb. iii. 5. Tha na
seanaire timcliioU na-righ chaithreach air an sgeudach-
adh ann an culaidhibh geala, caib. iv. Tha 'n sluagh a
tha 'n làthair na righ-chaitlireach " air an sgeudachadh lo
trusganaibh geala, caib. vii. 9. " sgeudaichte le trusganaibh
geala," rann 13. " air an deanamh geal ann am fuil an
Uain," rann 14. Tha ini ag aideachadh, gu bheil aig iai
dà theisteas mu dheireadh a thugadh, beachd air staid nan
naomh air thaì'dmh, ach tha na coim.easan air an tabhairt o
.•^taid na h-eaglais air nèamh. Cuirear gach èididh, (ni ri»
an abrar eididh, air dhoibh a bhi 'iian comharran air
jjeacadh, agus air nàire,) a thaobh leis na naoimh, 'nuair a
thig"iad chum an staid glòire. Ach ma bhoir min fa'ntar

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence