Skip to main content

‹‹‹ prev (419)

(421) next ›››

(420)
412
taidh-breige, agus bitliidh iad air am pianadh a là agus a
dh' oidhche gu saoghal nan saoghal!" Ann an roimh-
bheachd air so, thubhairt na diabhuil ri Criosd, an d'
thainig thu an so g' ar pianadh roimli an am ? Mat. viii. 29.
Ach is e an ni àraidh d' am buin dhuinne aire a thabh-
airt, staid dhaoine aig an là sin. 'S eigin do na h-uile
dhaoine taisbeanadh an làthair caithir a' bhreitheanais so.
Na h-uile do gach seòrsa, agus do gach aois, do gach gnè
agus staid, mor agus beag, uasal agus iosal ; cha 'n 'eilneach
air fhàgail. Adliamli agus Eubha, le 'n uile mhic agus
nigheana ; na h-uile aon aig an robh, no, gu crioch an t-
saoghail aig am bi anam beo ceangailte ri corp, ni iad
suas an coimhthional mòr so. Bitiiidh eadhon iadsan, a
dhiùlt teachd gu caithir nan gràs, air an èigneachadh gu
teachd gu caithir a' cheartais, oir cha bhi folach o 'n
Bhreitheamh uile-lèirsinneach, no teicheadh uaithe-san a
ta làthair sna h-uile aite, cha bhi cur 'na aghaidh-san a ta
sgeudaichte le cumhachd neo-chriochnach ! " Is èigin
duinn uile bhi air ar nochdadh an lathair caithir-breithean-
ais Chriosd," " Cruinnichear 'na làthair na h-uile chinn-
ich," deir an teagasg. Tha so ri bhi air a deanamh le
frithealadh aingle : Is ann leo-san a bhitheas na daoine
taghta air an cruinneachadh, Marc. siii. 27. " An sin
cuiridh e aingil a mach, agus cruinnichidh e r'a chèile a
dhaoine taghta fein o na ceithir gaothaibh." Agus cruinn-
icbidh iad mar an ceudiia na h-aingidh, Mat. xiii. 40, 41.
" Is ann mar sin a bhitheas ann an deireadh an t-saoghail
so. Cuiridli Mac an duine aingil uaith, agus tionailidh iad
as a rioghachd na h-uile nithe a bheir oilbheum, agus iad-
san a ta deanamh aingidheachd." uile iomallaibh an t-
saoghail bithidh an luchd-aiteachaidh air an tional gus an
àito san suidhich e a righ-chaithir chum breitheanais.
San t-seathamh àite, Bithidh sgarachdainn air a dhean-
amli eadar na fireana agus na h-aingidh ; air do chuid-
eachd sgiamhach nan caorach thaghta bhi air an cur air
deas laimh Chriosd, agus na gabhair a chuireadh air cul
air a laimh chlì. Cha bhi feum air feitheamh air an sgar-
achdainn so gus an teid an deuchainn thairis, a chionn
gu 'n èirich gach seorsa as an uaighibh, le comharaibh
soiUeir sgarachdainu o 'n taobh a mach, mar a rinneadh
soilleir roimhe. Tha e coslach gu 'm bi an sgarachdainu
air a dheauamh leis a' chruinneachadh dhubailte sin a dh'

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence