Skip to main content

‹‹‹ prev (400)

(402) next ›››

(401)
393
chomasach air tinueas, air galar no air eu-slainte a 's lugha
ghabhail, no basachadh ni 's mò. Sguiridh ainneartan o'n
taobh a mach agus aobhar pein o 'n taobh a steach gu
bràth tuiUe ; cha mhothaich iad ni 's mò e : seadh, bithidh
oige shiorruidh agus neart aca, air dhoibh gun a bhi ni 's
mò buailteach do 'n laigse thug aois orra sa' bheatha so.
San dara àite, Bithidh iad 'nan cuirp glòrmhor ! cha 'n
e mhàin sgiamhach, mai.seach, agus air deadh chumadh,
ach bithidh iad lan glòir agus deah-aidh ! Cha 'n f heud-
ar an aghaidh a 's maisiche, no 'n corp a 's deise cumadh a
ta nis anns an t-saoghal, a choimeas ri corp an naoimh a 's
isle aig an aiseirigh ; oir, '• An sin deah-aichidh na fireana
raar a' ghrian," Mata xiii. 43. Ma bha glòir dhealrach
air aghaidh Mhaois, 'nuair thainig e nuas o 'n t-shabh ;
agus ma bha aghaidh Stephain mar aghaidh aingil, 'nuair
a sheas e an làthair na comhairle ; cia mò gu mòr a bhios
aghaidhean nan naorah maiseach agus glormhor, lan do
mhòrachd aoibhneach thaitneach, 'nuair a chuireas iad
gach uile thruaiUidheachd dhiubh, agus a dhealraicheas
iad mar a' ghriau ? Ach thugaibh fa'uear, nach 'eil mais-
ealachd so nau naomh air an aghaidhean a mhàin, ach tha
i 'ga sgaoileadh fèin air feadh an cuirp uile ; oir tha 'n corp
uile air a thogail ann an glòir, agus bithidh e air a chum-
adh cosmhuil ri corp glòrmhor an Tighearna agus an
t-Slànuighir ; an ti 'na chruth-atharrachadh, cha 'nemhain
gu 'n do dheah-aich aghaidh mar a' ghrian, ach bha mar au
ceudna eudach geal mar sholus, Mata xvii. 2. Ciod air
bith uireasbhuidheau no mi-sgeumh a bha air cuirp nau
naomh, 'nuair a bha iad air an cur san uaigh, air an toirt
orra le nithibh a thachair dhoibh sa' bheatha bo, no a dh'
eirich o aobhair dhìomhair 'nan cumadh auns a' bhroinn,
eiridh iad as an uaigh saor dhiubh sin uile. Ach ged
mhaireadh comharran an Tighearn losa, na h-aiUean
no luirg nan lotan a fhuair cuid do na naoimh air a shon-
san am feadh a bha iad air thalamh, air an cuirp, an deigh
na h-aiseirigh ; cosmhuil ris mar mhair lorg nan tairn-
gean ann an corp an Tighearn losa ; an dèigh aiseirigh-sau
mheudaicheadh so an glòir, an àite a' maise lughdachadh.
Ach ciod sam bitli mar bhios sin, gu cinnteach cha bhi
suilean Isaaic an sin dall, 's cha bhi bacaich ann an lacob ;
cha bbi suilean Leah aumhunn, 's cha bhi Mephiboset
bacach 'ua chasaibh. Oir mar a leaghas an t-òr-cheard an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence