Skip to main content

‹‹‹ prev (379)

(381) next ›››

(380)
372
caithibh raar sin e. Tha 'n oidhche sin gu cinnteach a'
teachd, an deigh nach faic sibh gu bràth a' mhaduinn ;
na nihaduiiiu sin, an deigh nach faic sibh gu bràth an
oidhche ! Ach cia aca d' ur niaduiune no do'r n-oidhchean
a bhitheas mar sin, cha 'n aithne dhuibh.
San treas àite, Cleachdaibh sibh fèin gu mòr ann am
fuasgladh bhur cridheachan o'n t-saoghal. Bithidh aii duine
a ta deanamh uUamh gu dol air astar, saoithreacli ann au
cead a ghabhail d'a chardaibh. Leigibh le falluinn nan
suaimhneasan talmhaidh crochadh gu fuasgailte umaibh,
chum gu tuit e gu socrach dhibh, 'nuair a thig am bàs gu 'r
toirt air falbh gu saoghal eile. Bitheadh bhur gaol meas-
arra a thaobh solasau laghail bhur beatha ; agus na biodh
bhur cridheachan gu mòr air an togail leo. 'S amaideach
a tha 'm fear-turuis a' deanamh, a dh' f huilingeas dha fèin a
bhi co mòr air a thogail le nithibh deas an tighe-osda far
am bheil e air aoidheachd, is gu'm bi a dhol air falbh uapa
doilgheasach dha. Beathaichibh le h-eagal, agus siubh-
laibh tre 'n t-saoghal mar eilthirich agus mar choigrich.
Cosmhuil ris, mar tha 'n coirce a' treigsinn na talmhainn,
tha e uUamh air son a' chorain ; 'uuair tha 'm meas abuich,
tuitidh e gu saoirbh bhàrr na craoibhe ; Mar sin 'nuair tha
cridhe a' Chriosdaidh da rireadh air f huasgladh o'n t-saogh-
al, tha e ulluichte air son bàis, agus bithidh e nis ro-shoirbhe
dha. An cridhe a ta fuasgailte o 'n t-saoghal, is cridhe
nèamhaidh e ; agus 's ann an sin a ta sinn uUamh air son
neimh, 'nuair a tha ar cridheachan au sin air thoiseach
oirnu, Mat. vi. 21.
Sa' cheathramh ùite, Bithibh dichioUach ann an cruin-
neachadh agus an tasgaidh suas dearbhaidhean air bhur
còir air nèamh, chum bhur cumail suas agus sòlas a thoirt
duibh aig uair a' bhàis. Tha dearmad air na nithibh so,
a' milleadh an aoibhueis agus an t-sòlais à dh' f heudadh a
bhi aig cuid do Chriosdaidheanaig àm bàis. Uime sinceas-
naichibh sibh fein gu tric, a thaobh bhur staid spiorad-
ail ; chum gu bi na dearbhaidhean sin, a ta 'nan luidhe
folaichte agus gun aire thoirt dhoibh, air an toirt gu sol-
us, agus air an toirt fa'near. Agus nam bu mhaith leibh
au obair so a thoirt air a h-aghaidh gu ceart, deanaibh
obair shuidhichte chudthromach dhith : Cuiribh cuid a
dh' aimsir air leth air a son ; agus an dèigh urnuigh dhùr-
achdach ri Dia, tre losa Criosd, air son feartan soillsich-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence