Skip to main content

‹‹‹ prev (138)

(140) next ›››

(139)
131
uineachd, a' labhairt uime fèin ruinn a reir gnàth dhaoine.
Thugamaid, uime sin, fa'near do fheirg duine, ach cuir-
eamaid uainn gach ni 'nar smuaintibh mu fheirg Dhè, a
ta taisbeana.dh neo-iomlaineachd ann-san, agus mar sin
feudaidh sinn teachd gu tomhas do bheachd orra ciod air
bith cho beag. Air an doigh so, tha sinn air ar treorach-
adh gu beachd a ghabhail do fhearg Dhè an aghaidh an
duine nadurra, anns na tri nithibh so a leanas.
Air tiìs, Tha fearg ann an cridhe Dhè 'na aghaidh.
Cha'n 'eil an Tighearn a' gabhail ris, ach tha e 'n corruich
ris. Tha na h-uile duine nadurra 'na luidhe fuidh chorr-
uich Dhè ; agus tha sin ni's truime na beannta umha !
Ged tha e toihchte leis fèin, agus ged tha daoine eile
toilichte leis mar an ceudna ; gidheadh tha Dia ag amh-
arc a nuas air mar ann am feirg ris. 1. Tha 'phearsa
fuidh chorruich Dhè : " Is fuath leat uile luchd-deanamh
an uilc," Sahn v. 5. Tha peacadh an duine dhiadhaidh a'
cur corruich air an Tighearn ; gidheadh tha 'phearsa
" taitneach ann a Mhac gradhach," Eph. i. 6. " Ach, tha
Dia am feirg ris a' chioutach gach la," Salm vii. 11. Tha
teine feirge a' lasadh a glmath 'na aghaidh, aun an cridhe
Dhè I Tha iad 'nan coin agus 'nam mucan, 'nan creut-
airean ro-ghraineil ann an sealladh Dhe ! Ged tha'n staid-
naduir air a sgeadacliadh le aidmheil dhealrach, gidheadh
tha iad 'nan graiu do Dhia ! Tha iad dha-san, mar dheat-
aich 'na shroiu, (Isa. Ixv. 5.) agus maruisge meagh-bhlath,
gu bhi air a sgeith a mach as a bheul, (Taisb. iii. 16.) uaigh-
ibh gealuichte, (Mat. xxiii. 27.) sliochd nathraiche nimhe,
Mat. xii. 33. agus " sluagh a chorruich," Isa.. x. 6. Tha
e neo-thoilichte leis gach ni a ta iad a' deanamh : tha e
neo-chomasach dhoibh a thoileachadh, air dhoibh a bhi
'nan ana-creidmhich, Eabh. xi. 6. Tha fuath aige d' am
pearsaidh, agus mar sin cha'n 'eil tlachd aige 'uan oibre
as fearr, ach tha mi-thlachd aige annta, Isa. Ixvi. 3
" Tha esan a dh' iobras uan, mar gu'n cuireadh e an ceann
do mhadadh. Tha'u dleasdanas, mar air a dheanamh leo san,
'na ghràineileachd do'n Tighearn, Sean. xv. 8. Agus,
mar a thionndas daoine an cul orrasan ris am bheil corruich
aca ; mar sin tha'n Tighearn, an uair a tha e diultadh co-
chomunn ris an duine nadurra 'na dhleasdanais, a' taisbaen-
adh dearbhadh soilleir air a' chorruich.
San dara àite, Tha fearg aun am focal Dhe 'na aghaidh.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence