Skip to main content

‹‹‹ prev (137)

(139) next ›››

(138)
130
a mach a chum an t-saoghail ri iad fein a dheanamh 'nan
cloinu feirge, le bhi leantuinn na cuidoachd mhi-naomha.
Tha iad 'nan cloinn na feirge a thaobh naduir ; mar sin
tha e deanta cheana : Bha iad air am breith 'nan oigh-
reachan air ifrinn ; ni iad gun amharus, iad fèin ni 's mò
mar siu, mur teich iad, 'nuair tha iad òg, o'n fheirg sin
gus an robh iad air am breith, gu losa Criosd. San àite
niu dheireadh, Ciod sam bith a tha daoine a nis tre ghras,
bha iad eadhon mar chach tre nadur : Agus bhuineadh
dhoibhsan a bha ann am fois o'n òige air nach
d'thainig atharrachadh sam bith, srauaineachadh gu tric
air an f hirinn bhronaich so. A nis, air do na nithe sin a bhi
air am filleadh anns na briathraibh, nochdaidh mi, anns a'
cheud aite, ciod i staid so ua feirge. San dara aite,
dainguichidh mi am bonn-teagaisg ; Agus an deigh sin,
ni mi cleachdamli dheth.
1. Tha mi ri nochdadh, Ciod i staid so na feirge. Ach
co as urrainn coiTuich Dhe ann am feirg a lan chur an
ceiU ! Cha'n urrainn neach. Gidheadh feudar urrad dhi
fhaicinn, as a dh' fhoghnas gu dearbh-shoilleireachd a
thabliairt do dhaoine mu'n f heum mhor a ta air teicheadh
gu losa Criosd o staid na feirge sin. 'Se fearg ann au
daoiuo, buaireas spioraid air son eucoir a riuueadh oirnn,
le iarrtus gu dioladh a ghabhail air sou na h-eucoir :
'nuair a tha i teachd gu h-airde, agus a ta i air a daing-
neachadh air spiorad ueach, a deirear corruich rithe. A nis,
cha'u 'eil aignidhean buaireasach ann an Dia, gu bhi labh-
airt gu ceart ; tha iad sin neo-fhreagarach ri neo-chaoch-
laideachd agus iomlaineachd a bhith : Agus air an aobhar sin,
tha Paul agns Barnabas (a chum gu cuireadh iad an aghaidh
mearachd nan Licaoinianach, a shaoil gu'm bu dee iad)
ag innseadh dhoibh, gu'm bu daoine " cosmhuil riu fein iad
thaobli fulangais,' Gniomh. xiv. 25. Tha fearg, uime
sin, air a cur a leth Dhe cha'n ann a thaobh buadh bhuair-
easach na feirge, ach a thaobh a toradh. Tha fearg 'na
teine an còm duiue, a ta pianadh au duiue fcin : Ach cha'n
'eil buaircas anu an Dia ; cha'n 'eil 'fhearg air chor sam
bith, a' milleadh na fois agus an t-souais neo-chriochnach
a ta aige ann foiu. Is gniomh fior-gldau siochainteach
a thoile i ; a ta toirt a raach nithe uamhasach an aghaidh
a pheacaich ! Is beag is aithno dhuinn mu Dhia neo-
chriochnach ; ach tha e 'ga irioslachadh fein ri 'r n-anmh>

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence