Skip to main content

‹‹‹ prev (28)

(30) next ›››

(29)
21
eachadh na nithe a ta air an cùl, Phil. iii. 13, 14. Ach tha
na daoine sin 'nan leithid do chulaidh-thruais, 'sa bhiodh
an neach sin, a chuireadh a lùchairt ri theine agus a
bhiodh a' deanamh uaiU à bothan a thog e dha fèin as an
luaithre, ged a bhiodh e co lag is nach seasadh e an aghaidh
doininn.
Feum III. — Chum bròin. An so bha aitreadh àluinn,
an duin' air a shnaidheadh mar luchairt mhaiseach, ach a
nis 'na luidhe ann an luaithre : seasamaid agus amhairc-
eamaid air an sgrios, agus sileamaid deur. Is tuireadh so,
agus bithidh e 'na thuireadh. Am b'urrainn duinn gun ghul,
nam faiceamaid ar duthaich air a sgrios, agus air a tionn-
dadh leis an namhaid gu bhi 'na fàsaich ? 'Nam faic-
eamaid ar tighean ri theine agus ar teaghlaichean a'dol a
dhìth sna lasraichibh ? Ach tha so uile a' teachd fada
gearr air an t-sealladh bhrònach, an duine air tuiteam mar
reul neamh. Och nach feud sinn a ràdh, gun robh sinn
mar anns na miosaibh a chaidh seachad, an uair nach robh
smal 'nar nàdur, nach robh neoil air ar n-inntinn, no
salachar 'nar cridhe ! Mur bitheadh sinn riamh ann an
staid a b' fhearr, bhitheadh an call ni bu lugha : ach tha
iadsan a thogadh a suas ann an scarlaid, ag iadhadh an
lamh mu'n òtrach. C' ait a nis. am bheil ar ceud ghloir ?
Aon uair cha robh dorchadas san inntinn, no ceann-
airc san toil no mi-riaghailt sna h-aignidhean. Ach mo
thruaighe ! Cionnus a dh'f hàs a'chaithir dhileas 'na striop-
aich ? ise bha lan do chothrom, anns an robh ceartas a' gabh-
ail comhnuidh ; ach a nis mortairean. Dh'fhàs ar n-airgiod
'na shal, tha ar fion air a mheasgadh le h-uisge. An cridhe
sin a bha aon uair 'na theampull do Dhia, tha e nis air
tionndadh gu slochd mhearlach. Bitheadh mar ainm
dhuinn Ichabod, oir dh' f halbh a' ghlòir. Bu shona bha thu,
a dhuine, cò bha cosmhuil riut ? Cha b'urrainn cràdh no tin-
neasdo bhualadh, 's cha b'urrainn bàsteachd am fogus dhuit ;
cha chualas osna uait, gus an robh na measan searbh ud
air an spionadh o'n chraoibh thoirmisgte. Dhealraich
neamh ort, agus rinn an talamh gairdeachas : Bu tu
companach nan aingeal, agus cuis fharmaid dhiabhol.
Ach cia iosal a ta esan a nis air a leagadh a bha air a
chruthachadh a chum uachdranachd, agus air a dheanamh
na thighearn air an t-saoghal ! Thuit an crùn bhar ar cinn :
mo thruaighe sinn ! chionn gu do pheacaich sinn. Na creut-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence