Skip to main content

‹‹‹ prev (27)

(29) next ›››

(28)
20
ni cràbhaidh. " Cò d'am bheil sibh a' deanamh àbhachd ? cò
ris am bheil sibh a'deanamh beoil f harsuinn, agus a' tarruing
a mach na teanga ?" Isa. Ivii. 4. Nach ann an aghaidh Dhia
fein, gur e iomhaigh ann an caileigin do thomhas a bhi
air a tarruing air cuid d'a chreutairibh, a ta gan deanamh
nan amadana 'nur sùilibhse ? " Ach na bithibh 'nur
luchd-fanoid, air eagal guu teannaichear bhur cuibhrichean,"
Isa. xxviii. 22. B'e naomhachd a' ghlòir a chuir Dia air
an duine, 'nuair a chruthaich se e ; ach a nis thionndaidh
clann nan daoine a' ghlòir sin gu nàire, do bhrigh gu bheil
iad fein a' deanamh uaiU 'nan nàire. Tha cuid eile a ta
gu folaichte a 'cur an aonta ris an diadhachd, agus ann au
cuideachd dhiadhaidh aidichidh iad e ; muinntir aig uair-
ibh eile, chum gum biodh iad cosmhuil r'an coimhears-
naich air am bheil nàir' a h-aideachadh : tha iad co lag 's gu
bheil iad air an siabadh air falbh le gaoith beòil nan
aingidh. Tha gair farsuinn, sgeig mhi-dhiadhaidh no
focal fanoideach à beul mi-naomha, do mhoran nan
argumeint gu leòir an aghaidh na diadhachd agus a'
chràbhaidh : oir ann an aobhar Dhe tha iad mar choìumain
shimplidh gun chridhe. gu'n tugadh iad so fa'near am
focal cudthromach sin, Marc viii. 38. Oir ge b'e a ghabhas
nàire dhiomsa, agus do m' f hoclaibh, anns a' ghinealach adh-
altranach agus olc-sa, dhethse gabhaidh Mac au duine nàire
'nuair a thig e ann an glòir Athar, maiUe ris na h-ainglibh
naomha." (3.) Tha e a' tabhairt achmhasain do'n f hear-aid-
mheil uaibhreachfhein-speiseil, aigam bheil meas air fèin ann
an deise a chàraich e ri chèile do luideagaibh. Tha mòran,
an uair a chruinnicheas iad ri cheile beagan eolais mu
thimchioU na diadhachd agus a ta a' teachd gu cuid do
ath-leasachaidh beatha, a ta 'g atadh suas le meas orra fèin ;
is comhara truagh so gu bheil toradh an leagaidh 'na
luidhe co trom orra as nach d'thainig iad fathast chuca fèin,
Luc. XV. 17. Tha sùilean ac' air an culaobh, a dh' fhai-
cinn na nithe air an d'rainig iad ; ach cha'n 'eil sùilean ac"
an taobh a stigh, no sùilean rompa, a dh' f haicinn an uireasbh-
uidhean, a dheanamh gu cinnteach an irioslachadh : oir
tha fior-eolas a'toirt air daoine f haicinn araon ciod a bha iad
aon uair, agus ciod a ta iad a nis ; agus mar sin a ta e ag
irioslachadh, agus clia'n f huiling o dhoibh a bhi toilichte
le tomhas sam bitli do ghràs air an d'rainig iad ; ach tha
e gan cur gu domhlachadh air an aghaidh, a dìchuimhn-

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence