Skip to main content

‹‹‹ prev (228)

(230) next ›››

(229)
DARA MIOS A' GHEAMHRAIDH, 1872.
I Leabh.
[10 Air.
AIR CRUINN-CHORPAIBH
SOILLSEACn NAN SPEUR.
II. Earran
AIR A' GIIREIN AG US AIR
MERCURI.
Ged tha oibre a' cliruthachaidh gu
ieir mòr' agus miorbhuileach, gidheadh,
cha 'n eil ni air bith ri f haicinn 'n am
measg ni's ciàtaich', agus ni's oirdheircc
na cruinn-chuirp shoillseach nan speur.
Feumaidli " na soluis a ta ann an speu-
raibh nèimh" iongantas achur orra-san
uile, a bheaclidaicheas le ciirani air na
gniomharaibh so, a rinneadh leis-san
a thubhairt, "Biodh soluis ann an
speuraibh neimh, a chur dealachaidh
eadar an la agus an oidhche, agus biodh
iad air sou clionibaran, agus air son
ainasirean, agus air son làithean, agus
bhliadhnacban ! Agus biodh iad mar
sholusaibh ann an speuraibh neimh a
thoirt soluis air an talamh : agus bha e
mar sin. — Agus rinn Dia da sholus
mhor, an solus a's mo a riaghladh an
latha, agus an solus a's lugha a riagh-
ladh na h-oidhche ; agus na i'èultan,"
(Gen. i. 14, &c.) Mar so tha Maois a'
toirt cunntais duinn air cruthachadh na
greine, na gealaich, agus nan reult.
Labhair Dia am focal, agus leum iad
suas gu bith — " Thubhairt e, Biodh
solus ann, agus bha solus ann ! Agus
chuunaic Dia an solus gu'n robh e
maith," (Gen. i. 3, 4). Gu cinnteach
is dall, aineolach, agus neo-mhothuchail
an neach a thilgeas a shiiilean air reul-
taibh soillseach neimh, gun e fein
isleachadh, agus gun fhaicinn cia co
diblidh 's a ta e, agus cia co suarach 'sa
ta a ghniombara a's fearr, an coimeas
ri àilleachd an t-seallaidh a chi e, agus
ri cumhachd neo-chrioclmuichte an Ti
dhealbh neamh agus talamh, a neoni!
Dh' innis sinn anns a' cheud earrainn,
gu'm bheil a' ghrian air a suidheachadh
ann am meadhon nan reult, a ta 'g
iadhadh m'a timchioU 'n an cuairtibh
eug-samhla fein. Tha i fein, ach beag,
neo-ghluasadach ged tha a reultan uile
a' gluasad mu'n cuairt di. Tha i, gidh-
eadh, a' cur char di air a mul fein,*
o'n iar gus an ear, agus a' gabhail coig
thar fhichead de na làithibh againne,
chum aon chuairt a chur ! Tha i còrr
mòr agus muillean uair ni's mo na'n
talamh so, agus corr agus ceithir fichead
's a deich muillean mile air astar uaithe;
gidheadh, tha a teas, agus a solus a'
ruigheachd air, agus a' toirt beatha do
gach creutair agus luibh a ta air! A
reir beachd dhaoine foghluimte, tha a'
ghrian 'n a cruinn-bhallmòr, daingeann,
agus dorcha, air a cuairteachadh le
adhar soillseach agus dealrach air chor
is nach faic sinne ach amhàin dearrsadh
an sgeudachaidh Icis am bheil i air a
còmhdachadh! Chithear air uairibh
buill dhubha air aghaidh na greine,
agus tha na teallsanaich a' deanamh
mach, gur fosglaidhean, no tuill, iad so,
air trusgan lannaireach na greine, trid
am bheil a coi'p dorcha fein air a nochd-
adh ! Tha cuid a' saoilsinn gu'm bheil
a' ghrian air a h-eiteachadh, cosmhuil
ris an talamh so, le creutairibh reusonta
agus tuigseach ! Ach cha 'n oil cunntas
againn air so, agus cha 'n fheud sinn a
bhi glic 'n ar barail fein, os ceann na
tha air a sgriobhadh ! Ach, cha'n eil
cunntas againn 'n a aghaidh ; agus gu
cinnteach a reir reusoin, cha'n 'eil e
* h-Aisil, — Beurla, Axis.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence