Skip to main content

‹‹‹ prev (105)

(107) next ›››

(106)
90 COMHCHRUINNEACHA DO
Cha n' eil mo chadal domh ach ciùirt,
'S cha n' eil mo dhuisg ach cianail,
Cha n' eil an obair dliomh ach cradh,
'S cha n' fhearde mi bhi diamhain,
Cha dean luidhe dhomh ach creuchdan,
'S cha toir eiridh dhiom iad,
Sha toir asdar mi gu slainte,
'S cha 'n f hasa tamh no gniomh dhomh.
Ged a tha mi 'n so 'sa ghleann,
Cha b' e bhi ann a b'fhearr leam,
'S mur b' e cruaidhead mo chomannd,
Bu luath mo dheann ri f hagail,
Gur fada 'n aimsir tha o 'n uair,
A chualas bhi ag radhainn,
Gur cruaidh an reachd a bhi fo smachd,
'S bidh mise nochd mur tha mi.
Cha b' e chùis bhi nochd an ghais,
Na 'n tiginn aisde a maireach,
Ach bhi 's na fiabhrais fad sheachd bliadhna,
Gun la riamh dhiu tearuint ;
Cha robh uair gun chuartach ur dhomh,
Gur ciuirte rinn iad m' fhagail,
Nis 'n lagaich iad mo phearsa,
Tha mo sgairt air m' f hagail.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence