Skip to main content

‹‹‹ prev (82)

(84) next ›››

(83)
AN DEO-GHREINE.
63
tigh-sgoil ; gun phosta tighinn na 's dluithe
na seachd mile dh' astar ; gun lighiehe eadar
dà cheann an eilein, agus na 's miosa na sin
uile, gun ghreim de dh' aran cruithneachd r'a
fhaotainn na's dlùithe na Ceann-Loch-Gilb,
fichead mile air falbh 's deich dhiubh thar
fairge. Ciod idir," dh' fharraid i rithist, " a
theum thu gu a leithid so dh' aire cheannach?"
Cha robh 'n duine còir ro-chinnteach mu'n
chùis, agus smaointich e sgriob a thoirt taobh
èiginn gus an ciùinicheadh a' Bhaintighearna.
Bha uinneag an t-seòmair iosail ris a' ghrunnd,
's thog e i, 's thug e ceum am mach air an
rèidhlean. Thàinig Jessie mu'n cuairt; chunn-
aic i 'n uinneag fosgailte, 's ghabh i ceum a
stigh. Bha Bhaintighearna 'na seasamh taobh
eile 'n t-seòmair, 's a eùl ris an uinneig. Bha
ceum na h-aighe cho grinn, 's am brat-urlair
cho tiugh, 's nach d' fhuair a' bhean-uasal an
sanas a bu lugha gus an do chuir Jessie a sròn
fhuar air a lethcheann. Chunnaic i, aig a'
cheart am, 's an sgàthan a bha fa comhair,
faileas an fhiadh-bheathaich a bha r'a taobh ;
ghlaodh i gu cruaidh, 's thuit i seachad air an
ùrlar. Thàinig aon de na seirbheisich a dh'
fhaicinn ciod a bha oèarr. 'Nuair chunnaic i
Bhaintighearn' a' tomhas lad a droma air an
ùrlar, agus liadh-bheathach oillteil 'na sheas-
amh os a cionn, thog esan sgairt-fhuathais
eile, 's air ball bha 'n còrr de na seirbheisich
cruinn. Thòisich an sin ùspairn chruaidh a
dh' fhaotainn na h-uilebheist so a chur am
mach. Shaoil Jessie bhochd gur ann ri feala-
dhà a bha iad, agus dh' aontaich i leò 'sa
mhionaid, 's rèis i mu'n cuairt an t-seòmair,
is leum i thar gach ball èarnais a thainig 'na
rathad, ach am mach cha rachadh i ; c' ar son
a rachadh ; nach robh h-uile ni g'a riar far an
robh i ? Chaidh fios cabhaig a chur thun a
bhuachaill' e thighinn le ghunna, 's le chuid
chon a chur as do'n bheithir-sgiathaich a bha
'n los an tigh 's na bha ann a chur bun os
cionn. Thàinig e, ach gun ghunna, gun chù
leis ; chuir e 'làmh air sròin na h-aighe 's dh'
iarr e oirr' a leantainn, 's rinn ise sin cho
toileach 's a rinn na radain Piobaire-ballach
Hamelin a leantainn. Chuir so iongantas air
na Goill ; ach cha robh fhios aca gu'n robh
crioman arain an cridhe na dèarna aig a'
bhuachaille, 's gu'n do mhothaich Jessie dha
sin 'nuair a chuir e 'làmh air a sròin. Bha
Bhaintighearna 'n droch chàs. Theab i 'n deò
a chall leis an eagal, 's bha i nis, mar gu 'm
b' ann, eadar neamh is talamh, is gun fhios
co-dhiù dh' fhanadh no dh' fhalbhadh i, agus
sin air tachairt ann an àite gun fhear-sgil,
gun chungaidh-leighis ; " gun ioc-shlaint an
Gilead, gun lèigh an sin." "O, ciod idir a thug
air an duine ghòrach an t-àite 'cheannach ? "
Coma co-dhiu, bha i 'tighinn chuige uidh air
n-uidh. Air madainn an là-arn-a'-mhàireach,
dhùisg i le sgaoim mhòir, 's i 'bruadar gu'n
robh an creutair gun mhodh, gun nàire sin
Jessie, aig taobh a leapa, 's a' stri r'a pògadh
an aghaidh a toile bheusaich, bhanail, fèin ;
ach shaoilinn nach ruigeadh i leas a bhi cho
geadasach ; bheirinns' an diugh sc sgillinn,
na'm biodh i agam, air son pòig-mhaidne
Jessie. Leis an aobhar oilbheum a fhuair a'
bhean-uasal, 's gun fhios ciod an t-ath bhuair-
eadh a dh' fhaodadh a mealladh 'na leithid so
a dh' àite, leum i air a bonn, dh' fhosgail i 'n
uinneag, 's sheall i mach. Bha ghrian ag
èirigh air ciil nam beann 's a' cur gathan
soluis troimh na neòil thana 'bha snàmh os
an cionn. Bha 'n Caolas Diurach, air nach
do ràinig ach faileas nan gathan sin fathast,
mar shruth mòr, leathann de dh' airgiod-beò,
leis gach dath a b' urrainn di bhreithneachadh
a' dol 's a' tighinn air aodann, mar an lannair
a chluicheas air muineal a' chalmain. Bha '11
drùchd air an fheur, 's boltrach chùbhraidh a'
tighinn as a' choille dlùth laimli. Air an
reidhlean fo'n uinneig, bha na h-uidhir de
chreutairean nach fhac i riamh roimhe cho
dluth air tigh : coilich-dhubha, 's liath-
chearcan ; easagan, is cearcan-tomain ; maigh-
ich, is coineanan 's iad uile cho neo-sgàthach
's ged nach biodh tigh no duine mar mhile dh'
astar daihh. Theagamh nach robh 'n t-àite
cho duaichnidh 's a shaoil i. Ghabh i mu
thàmh a rithist, ach dh' fhàg i 'n uinneag
fosgailte ; bha this na coille ro-annasach
leatha. Chaidil i gu suaineach gus an robh
ghrian àrd 'san speur, 's an uair a dhùisg i
mhothaich i gu'n robh i cho acrach ri seabhaig.
An dèigh dhi a lòn-maidne ghabhail, bu
mhiann leatha tuillidh de 'n àit' fhaicinn, ach
mu'n earbadh i i-fein an taobh am mach de
bhallachan an tighe, chuir i luchd-coimhid a
shealltainn mu'n cuairt, a dheanamh cinnteach
nach robh hadh-bheathaichean 's a choimh-
earsnachd. Thug iadsan fios air ais nach robh
creutair fiadhta 's an t-sealladh. Ghabh i am
mach, a' stiùradh a ceum sios an cois na coille,
a bha nis 'na làn thrusgan uaine. Bha
iongantas oirre cho ùrar, agus cho pailt 's a
bha gach sèorsa luibhean a' fàs mu 'n cuairt.
An raineach fein, ar leatha nach fhac i riamh
a leithid de phailteas de gach seòrsa. An
fhrith-raineach a' ruigheachd an àird gu a
h-achlais ; cuinnlean na dubh-chasaich na bu
ghrinne na chunnaic i idir, is teanga-'n-fheidh
cho leòbhar, chuimir, 's ged a bhiodh i 'stri ri
duais fhaotainn air son meud is snas a cinneis.
Bha Bhaintighearna, mar so a' mealtainn na
cubhraidheachd a bha mu'n cuairt 'nuair chual
i sporghail 's a choille. Thionndaidh i air falbh
rathad eile, gun fhios nach faodadh math-
ghamhainn leum am mach an taobh sin. Cha
deach i ach goirid air an rathad sin 'nuair
chunnaic i, mar a shaoil ise, tri-fichead fiadh

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence