Skip to main content

‹‹‹ prev (80)

(82) next ›››

(81)
AN DEO-GHREINE
61
sin an' comhnuidh Eachuinn — ach sud Eogh-
ainn air falbh agus 's fhearr dhuinne bhi dean-
amh as a dheigh."
Cha b' fhada gus an d-rug sinn air Eogh-
ainn, agus ann an ùine ghoirid bha sinn air
astar fo dhà ràmh dhionnsuidh ionad an iasg-
aich. Bha na bàtaichean uile gu dichiollach
ag iasgach 'nuair a rainig sinn, ach cha robh
iad a deanamh am biadh dheth. Chuir sinn
na slatan a mach gun dàil, agus a cheart cho
luath sa bhuail an t-siol aig Domhnull annsa
mhuir ghabh smalag mhor oirre.
"Nach eil sin a nis a Dhomhnuill, mar gum
biodh a daigneachadh an sean-fhocal a tha 'g
radii "cha mbh air dheireadh nach biodh air
thoiseach," arsa mise. "Cha 'u e sin an sean-
fhocal a tha fo'm chomhair an drasd" arsa
Domhnull ach "se luathair is fhaisge mhaille"
"oir leis a chabhaig tha 'n acain-iasgaich agam
air dol troimh cheile."
"Sudaibh le bhur baoth-shugradh agus thoir-
ibh an aire air bhur n iasgach" ars Eoghainn
'se slaodadh a stigh Iiiith mhor bha 'n imis a
thoirt a mach air a mhuir.
Ach bha n anmoch a nis am fagus oir bha
ghrian air dol fodha na maise, agus na sgòthan
mar gum biodh, gha cuideachadh gu ait a fois.
Sguiran iasgach, agus bha sinn a dol a dhean-
amh air an dachaidh 'n uair a thubhairt Eogh-
ainn "S fhearr dhuinn a bhalachaibh fantuinn
ris an iasgach-maidne oir bithidh an siol mar-
adh nis freagaraiche." Bha mi fhein 'us
Domhnull gle leisg a chionn 's nach robh greim
againn a dhitheadh sinn, ach c< ) dhiu dh' aont-
aich sinn le Eoghainn.
Bha oiteag bheag air a ghaoth, agus mar
sin smaointich sinn a dhol do bhothag iasg-
airean bhradan a bha laimh ruinn gus am
biodh àm iasgaich ann. 'S ann mar sin a rinn
sinn. Bha na h-iasgairean nan cadal aig an
àm agus bha srann aig aon aca shaoladh tu a
bheireadh a nuas an tigh air bhur muin. Bha
cuideachd eile comhla ruinn, ach cha robh iad
cho stòlda ruinne oir bha iad a rùrach a sid
sa so feuch am faigheadh iad greim a dhith-
eadh iad.
Dh' fhalbh sinne ann an camhanaich an làth
agus fhuair sinn do dhiasg na reachadh againn
air a mharbhadh. 'Nuair a bha sinn a tilleadh
thachair a bhuidheann eile oirnn a falbh an
uair sin — ach robh anmoch. Thill iad cho
luath sa bhaca 'nuair a chunnaic iad sinne,
agus rinn sinne gaire fochaid riu.
Bha e nis mu thimchioll air tri uairean agus
bha righ nan speur a bagairt air èirigh. Bha
neul liath-ghorm na speur ag atharrachadh.
Chitear rughadh fann a dusgadh 's an ard an
Ear. Bha ailleachd or bhuidh a direadh nan
speur. Ghabh na neoil shuas dath an or is
deirge dreach. Suas ghabh i air siubhal an
aigh ann an gloir co dealrach agus solus co
boillsgeil snach eil e'n comus do shuil naduir
amharc oire. Mur tha Bard fhein ag radh.
'S aoibhinn do shiubhal a sholuis aigh
A sgaoiles le d' dhreach gach doinionn
'S is maiseach do chleachd an oir
A snam siar 's do dhoigh ri pilleadh.
Sin agad cunntas goirid air an fheasgar iasg-
aich.
Is mise, do charaid dileas
"Mactalla."
LlTIR MR .\' MHUIR
Mo charaid ionmhuinn
J')ha e ann am ruin sgriobhadh
a d' ionnsuidh mu 'n mhuir agus beagan nithe
'thoirt fainear mu gach 1'eum a tlf innte do 'n
t-saoghal gu leir.
Tha e coitchionn ann a bhi labhairt mu'u
mhuir a bhi 'ga 'meas mar "fhasach de uisg-
eachan" ach an àite i bhi mar sin 's an a tha
i mar mheadhon air a bhi 'cumail an t-saoghal
o bhi na fhasaich neo-thorraich ; na 'n rachadh
a' mhuir a thoirt air falbh bhasaicheadh gach
ainmhidh th' air sliabh ; bhiodh gach coill'
air seargadh, s gach luibh' uaine air crionadh.
Mar an ceudna tha an t-uisge cho neo-
sheachanta do gach seorsa beatha 's a tha an
t-athar a tha mu 'r timchioll : oir a dh' eas-
bhuidh uisge cha bhiodh rian beathachaidh aig
ni sam bith aims am bheil beatha.
'S e a' mhuir tobair beatha, slainte, agus
urachaidh an t-saoghal ; oir tha i a cur suas
do uisge gus na neoil a cheart uibhir 's a tha de
amhnaichean mora a' sruthadh d a h-ionnsuidh
agus ged tha uisge na mara cho sailte gidh-
eadh tha e tuiteam na fhrasaibh ùra, milis air
an talamh gu bhi toirt air gach luibh 'us craobh
fas chum math gach creutair ; mar so tha a'
mhuir a' toirt dhuinn an fhoghair ged nach
urrainear a' radh gu 'm bheil foghar aice 'n a
h-uchd.
Tha a' mhuir a deanamh dhuinn beartais
ged a bhiodh sinn milltibh air falbh o a crich,
's ged nach d' amhairc sinn riabh air a tonnan
luaineach, no ged nach d' eisd sinn r' a toirm
bithbhuan ; seadh ged a bhiodh sinn mar so
air falbh am feasd as a sealladh, gidheadh tha
i ag amharc oirnn anns gach luibh tha fas 'n
'ar liosaibh 's ann an eudann ait ar cloinne.
A bharr air so uile 'se an fhairge an t-aon
mheadhon glanaidh a's iomlain a th' ann : da
h-ionnsuidh tha gach gaoith' shalaich air am
fuadach gu bhi air an glanadh 's air an tumadh;
an sin gabhaidh iad fois 'nuair a tha iad sgith;
gu bhi 'g eiridh a ris a dh' urachadh 's a glan-
adh na talmhainn.
'S e an fhairge mar an ceudna a tha cur air
an aghaidh gach gne obair a tha feumail do'n
duine ach a bhiodh neo-chomasach dha mur
be cumhachd na mara. Is mise do
Charaid dileas,
Am Fiù ran.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence