Skip to main content

‹‹‹ prev (64)

(66) next ›››

(65)
AN DEO-GHREINE.
47
eomhfhurtachd." Cagar'nadchluais.abhobaig!
Nach 'eil fhios agad gu 'm bheil an gille aig
am bheil an dà chuid Gàidhlig is Beurla fichead
uair na 's fhaide air adhart na esan aig am
bheil Beurla a mhàin. Tha a' Bheurla uil-
fheumail ; cha 'n 'eil mi idir ag iarraidh ort
dlmeas a dheanamh oirre. Ach tha fhios agam
air so ; narh eil e idir furasda do luchd na
Beurla cànain eile ionnsuchadh, a chionn nach
ionann modh-labhairt dithse agus do gach
teanga eile 'san Roinn-Eòrpa, am feadh a tha
'n aon ghnè dhòigh labhairt agus litreachais
anus a' Ghàidhligagusa th' anns na cànainean
eile. Mar sin, co-dhiu isclèireach tigh-malairt,
no sgoilear a tha a dhith ort a dheanamh de
d' mliac, thoir a' Ghàidhlig dha agus thèid e
airtoiseach na reis le glè bheag saothair seach
each.
A thaobh airgid : bidh feum air, ach is beag
eagail gu 'm bi dith sin oirnn aon uair 's gu 'm
bheil sinn aointe, toileach. Ma tha gu leòir
againn gu ar tighean agus ar teaghlaichean a
dheanamh rlomhach, tha gu leòir ri sheachnadh
air son na h-obair a th' air thoiseach air a'
Chomunn Ghàidhealach.
Labhradh iad ri cridhe nan Gàidheal mar a
tha iad air a dheanamh o'ntoiseach. Thoireadh
iad an cuireadh do na comuinn eile Co-bhann
mhòr a stèidheachadh gu fbghlum nan Gàidh-
eal, am bàrdachd agus seinn nan òran a
chumail beò. Thoireadh iad deas làmh an
co-chomunn do chomunn 'sam bith a tha
saoithreachadh gu ni maith no airidh a
bhuineas dhuinn mar shluagh a ghleidheadh
suas. Bithidh cuid aca co-dhiu, deas gu
freagairt fhàbharach a thilleadh ; rachadh iad
air an adhart.
Tha 'n Fhèinn air a h-uilinn !
" Gutii na Bliadhna" has discovered for
many who did not seem to know it, the
correct translation of An Comunn Gaidhealach.
It is : The Gaelic Association. Now that it
is known, we trust it will be remembered.
0RAN = CIU1L.
Tha 'n cridhe fuaraidh nach deanadh gluasad
Ri èisdeachd dhuanag air fuaim cho ceblar.
— Am Fear-Ciuil.
Sgriobhadh am fonn a leanas o bheul-aithris
Iain Chamshroin à Paislig ; agus is aon e de
'n dà-fhichead fhonn a bh anns a' chomh-
chruinneachadh a chuir e dh' ionnsuidh Mod
na bliadhna 1904.
Chaidh an t-òran a dheanamh, mar an
ceudna, le Iain ; agus bhuilicheadh air-san a'
cheud duais air a shon aig Mod na bliadhna
so,
DEAN BA-BA, MO EEAXABH.
Gi-eus D.
! : 1 , - 1 , I r :-.pi : r I f :-.s : f i
Dean bà - bà mo leanabh, dean
< I '
t I pi : r : d I d : — \
cadal, a ruin ;
1 : d I r :-.n:r I f : - . n : d |
'Sa mhaduinn gu mochthrathach
{ I r :-.n : s | 1 : - |
dh' fhosarail thu sùil ;
l.d 1 I r 1 : -.d 1 : 1 I s.n: - : r j
Nuair bha eunlaidh an doire ri
I r : d : d Id:- j
coireall 's puirt-ciuil
l,.l, I pi : - . n : f | s : 1 : d 1 |
Bha thu 'd mhàgaran - làir a'
I 1 :-.s : n I r :-
sàrach nan gflùn.
Cha 'n eil eunan an doire,
An coille no 'n cruaich,
No gu seasgair a' neadach
'Sna creagan ud shuas,
Chaidh am mach anns a' mhaduinn
Ee farum ri fuaim,
Nach eil nis air dol chadal
Am fasgadh nam bruach.
'S tràth dh' èirich bhàrr chlachan
Nan cladaichean garbh
An fhaoileag le 'guileig,
An tunnag 's an sgarbh ;
Bha iad saothrachail, aotrom,
Air aodann nan tonn ;
'S a nis iad fo fhasgadh
An taice nan torn.
Tha na blàithean is àillidh
Tha fàs air na tuim,
A' bhuidheag 's an neòinean
'S iad òrbhuidh cruinn,
An cainicheann mòintich
Is sòbhrag na coill
Air dunadh an suilean
Roimh dhùbhradh na h-oidhch'.
Nis dèan-sa do chadal,
A chagarain gràidh ;
'S gu'n robh Freasdal 'gad stiuradh
'S gach ciiis agus càs ;
'S e mo mhiann is mo dhùrachd
Thu, ruin, a bhi fàs
Mar gheug is i bruchdadh
Toradh dùbailt thar ehàich,

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence