Skip to main content

‹‹‹ prev (63)

(65) next ›››

(64)
+6
AN DEO-GHREINE.
tilleadh air sruth na spid, agus trid a leabh-
raichean grinne, a thug e caochladh air Goill
agus Sasunnaich do d' thaobh. Cha robh de
mhisneach agad do shean chànain a labhairt
an Làthair nan coigreach gus an d' rinn
Gearmailteach a cliù a thogail am measg nan
àrd-fhòghlumatchte.
Tha a' Ghàidhlig air fàs fasanta. Tha na
Sasunnaich a' toirt ainmean Gàidhlig air an
cloinn. Tha na Goill a' gabhail uibhir choir
air ar cleasan, — gu sònruichte an tìreancèin —
air a' phiob, 's air a' bhreacan, 's a tha sinn
Fèin, a chionn gur Albannach gach ni
Gàidhealach. Gu dearbh, is iad nithean
Gàidhealach a ghoirear a nis le coigrich,
nithean Albannach. Mar sin, tha e tèaruinte
dhuit a nis do dhuthaich 's do chinneadh a
Leigeadh ris.
Mur eil spiorad na 's feàrr na sin agad cha
dean thu mòran feum. Thèid do theine as an
ùine ghoirid. Cho luath 's a dh' èireas
duilgheadas tuitidh tu air falbh. Tilg uait
gach fèin-spèis neo-fliiachail, tog do cheann,
agus biodh duinealas nach gabh meatachadh
tre bharail aon duine air thalamh, a' lionadh
do bhroillich. Bidh tu nis deas gu do dhleasnas
a dheanamh.
Theirinn gur e a' cheud dleasnas sinn fein
aonadh ri Comunn air bith a tha dluth dhuinn.
Mur eil sin comasach, ri caraid, no leabhar a
chuidicheas ar Gàidhlig a chumail suas. Ma
ghabhas e bhi, seachnamaid uile beagan d' ar
maoin gu an t-aobhar coitcheannachòmhnadh.
Faodaidh nach eil mòran againn ri thoirt
seachad, ach iobramaid leabhraichean faoine
Beurla nach dean maith dhuinn, agus iomadh
rud beag nach dean e coire dhuinn dol as
eugmhais, a chum gu 'n ruig sinn air a' bhall-
cuimse a tha air thoiseach oirnn. Ma's
pàrantan sinn, labhramaid a' Ghàidhlig leis
a' chloinn. B' aithne dhomh sean iasgair, am
bade beag duthchail. Fhuair mi e, aon uair,
a' leughadh litir Ghàidhlig o mhac dha a
bha 'n Glascho. " Ciamar," dh' fharraid mi,
"a dh' amais sibh toirt air a' chloinn a'
Ghàidhlig a chumail suas ?" Fhreagair e ;
"A' cheud latha a rachadh aon diu do 'n sgoil,
ghairm mi'n leanabh, agus thuirt mi ris,
'Tha thu nis a' dol do 'n sgoil gu Beurla
ionnsuchadh ; ach 's i a' Ghàidhlig a tha
ri bhi air a bruidhinn 'san tigh so ; agus
ma chluinneas mise fatal Beurla, ach aig na
leasain, sud an rud a gheibh thu !' — agus sheòl
mi dha an tall an crochadh air a' bhalla. Cha
robh tuilleadh dragh agamsa mu 'n ( ìhàidhlig."
Sin agaibh mar a rinn aon Ghàidheal, far
an robh Maighstir-sgoil (iallda. 'S aithne
dhomh aon eile nach do thòisich air leabh-
raichean Gàidhlig a leughadh gus an robh e
mu cheithir air fhichead bliadhna dh' aois.
Cinnteach gu leòir, chual e a' Ghàidhlig air a
labhairt an uair a bha e 'na leanabh, agus bha
aoradh-teaghlaich air a ghleidheadh an tigh
'athar, 'sa mhadainn am Beurla, ach 'san
fheasgar an Gàidhlig, agus chleachd a' chlann
an rami a leughadh mu seach as an Tiomnadh
Nuadh. Ach cha robh mòran suim deth, no
tuigse aca air na leugh iad. B' ann an dèigh
dol gu Galldachd a thuit " Oisean " an làmhan
an aoin so. Bha e mar fhuaran na beinne d' a
bhilean. Thuirt e ris fèin, " Cha 'n eil ach
cunntas cuimseach de bhriathran anns an
leabhar, gabhaidh mi 'm Foclair làimh rium,
agus ri uine tuigidh mi e uile." Agus chaidh
aige air, ged a ghabh e bliadhnachan de 'n uine
bhig a gheibheadh e 'n dèigh 'obair latha a
bhi rèidh. An sin fhuair e 'n Teachdaire,
Sàr Obair nam Bàrd, agus iomadh leabhar
eile a bhiadh a chridhe mar le mil agus bainne.
'Na dhèigh sin chaidh e air adhart gu
sgrìobhadh na Gàidhlig, agus chunnaic mi
anns na pàipeirean gu 'n dobhuidhinn e duais
aig a' mhòd tuilleadh na aon uair. Gu so a
ruigheachd dh' fheum e iomadh uair dhurachd-
ach a chaitheainh thairis air a leabhraichean,
gun duine làimh ris, agus gun ach glè bheag
cuideachaidh. Gus an d' amais e air na chuir
e roimhe dhùin e a shiiil air gach ni a chumadh
air ais e. Bha e dall, bodhar an aghaidh gach
sòlais fhaoin a bheireadh a thaoibh e : bha e
'm feum caomhnadh a dheanamh an iomadh
dòigh, agus e fèin àicheamh gu minig, ach
tha e comasach an diugh air a' Ghàidhlig a
labhairt, a leughadh, agus a sgriobhadh, ach
beag cho deas 's a ni e a' Bheurla. Tha sin
agaibh dà eisimpleir fhìrinneach de Ghaidheil
a dh' fhaodainn ainmeachadh. Leigidh iad ris
ciod a ghabhas deanamh le dream a tha 'n da-
rireadh.
Tha 'n cuspair air thoiseach oirnn airidh air
gu 'n toireamaid iomadh ni nach 'eilfei/mait a
suasairasgàth. Cuiribh air chùlna ròisgeulan
Beurla a tha 'goid iomadh uair an uaireadair
uaibh. Thugaibh suas ur tombaca ma 's
fheudar e, gu leabhar Gàidhlig a cheannachadh
a chuireas neart 'nur spiorad. Coma leibh
tigh nan cleas, noni faoin air bith nach biadh ;
agus fòghluimibh cliù ar sinnsir gus an
cruthaichear annaibhse mar an ceudna an
smior a bh' annta-san.
Tha cuid ag ràdh — "Ciod am maith a
th' anns a' Ghàidhlig? 'Si a' Bheurla a tha
'cur arain air a' bhòrd, agusairgid 'san sporan,
agus is aim a mhàin tre 'n Bheurla theid againn
air streap gu nicas, agus gu inbhe sliaoglialta.
'S i faireachdainn a' chridhe a mhàin a tha
'san eadraiginn an so, agus is huge neo-
dhuineil striochdadh do ar faireachdainnean.
O 'n is eiginn an roghainn a dheanamh, 's e ar
dleasnas leigeadh leis na sean nithean dol air
chid, agus gramachadh ris na nithean nuadha,
a chumas duine fèin, agus a theaghlach an

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence