Skip to main content

‹‹‹ prev (50)

(52) next ›››

(51)
AN DEO-GHREINE.
35
Ulster, is reputed author of the Irish melody.
Little value need be attached to the belief. It
is vain to speak of the authorship of a work-
song or melody. Songs and melodies of that
class grow ; and, frequently, different tunes to
the same song exist within a score of miles of
one another.
Le
'S an am air am bheil mi 'g iomradh, bha agh
fèidh mu'n bhaile a rinn gniomh a chuir iong-
antas air aon no dhà. Shnàmh i trasd an
Caolas I )iurach, eadar Ard-lusa agus Tigh-a'-
Bhealaich, astar she mile. Ciod a' chuileag
phuinnsein a theum i gu sin a dheanamh, cha
'n'eil fhios ; ach ghabh i mach oidhche bhòidh-
each, fhèitheil, toiseach an Fhoghair, 's ràinig
i Tìr-mòr am beul an latlia. 'N uair bha i
'tighinn faisg air an fhearann, chunnaic i duine
'na shuidhe air carraig am beul an lain, agus
stiuir i direarh air. Bha 'n duine bochd so, —
figheadair a mhuinntir Thigh-a'-Bhealaich, —
a' feuchainn gu dìchiollach ri tràth eisg a
thoirt as a' mhuir a chuideachadh an arain
làitheil, 's bha e cho dian air a ghnothach ris
an robh e, 's nach d' thug e fainear ciod a bha
'tighinn thuige thar sail, gus an cual e sèidrich
na h-aighe, 's i nis mar bheagan astair do
bhàrr na slait-iasgaich aige. Thug e aon siiil
air a' choigreach a bha 'tighinn. 's dh' fhogh-
ainn sin. Bha ise 'tighinn, a dà chinas 'nan
seasamh direach air a ceann, 's a dà shuil a'
geur spleuchdadh air an clàr an aodainn. Cha
d' fheith e ri tuillidh fhaicinn. Leum e air a
bhonn, 's thug e 'm fireach air ; ach 'nuair
fhuair e beagan astair eadar e fein 's an uile-
bhèist, bha e 'cur campair air nach b' urrainn
da innseadh aig an tigh ciod a' ghnè chreutair
a chunnaic e. Co dhiu a b' e 'n Leviathan aig
lob a bh' ann, no Oannes, an tabh-bheist sin a
b' àbhaist a bhi 'tighinn a nios as a' mhuir a
theagasg muinntir Bhàbiloin ; no, co aig a
bha fios nach e'n dearbh Mhial-mara mor sin
a thug an t-aiseag do Iònah a bh'ann. Chual
e gu'n do theagaisg Oannes ni no dhà do na
Bàbilònaich a bha chum mòr bhuannachd
dhaibh. Ciod am fios nach e 'dheilbh a' cheud
eige chùrainn a chuireadh am beairt. IV fhèarr
leis a nis gu'n d' fheith e tiota beag. Ged a
bha na smaointean so a' ruith 'na inntinn, cha
robh e idir a' dearmad a ghnothaich, 's b' e sin :
faotainn dachaidh cho luath 's a bheireadh a
chasan e. Bha e nis a' dlùthachadh ris an tigh,
agus smaointich e gu 'm faodadh e sùil a thoirt
'na dhèigh. Bha fhios aige nach b' urrainn do
chreutair mara a leantainn ro-fhad air tir.
Thug esùil thar a ghualainn. "Crois Chriosd
orm ! " ars esan, "tha so a' tighinn ; is duine
marbh mise ! " Cha 'n e mhàin gu'n robh so
a' tighinn ; bha e 'tighinn mar gu'm b' ann
air sgiathan na gaillinn. Thilg am figheadair
uaith an t-slat-iasgaich 's an cliabhan èisg, 's
bi 'chas a bu mhaille 'chas a bu diombaiche
'teicheadh o'n chulaidh uamhais sin. Chluich
e na pleadhain air an rathad-mhor, mar nach
do chluich e riamh iad air crann-coise na
beairte ; ach a dh' aindeoin ciod a b' urrainn
da dheanamh, bha'n t-agh air a shàil a' ruigh-
eachd an tighe. Bhrist e troimh 'n dorus, agus
a dh' aon leum bha e thall 's an leabaidh,
eadar bean an tighe 's am balla 's e 'glaodhach,
"mort ! " Dhùisg a' bhean bhochd ann an
sgaoim mhòir, 's gun fhios aice ciod am mi-
fhortan a thachair. Spàrr esan a cheann sios
fo'n aodach-leapa, 's e 'guidhe air Dia dubhan
a chur am beul an Aibhisteir so, s' a tharruing
a mach air ghiall, agus ribe 'chur ris an leògh-
ann bheucaich a bha 'sireadh esan a shlugadh
suas, agus a' bòideachadh gu'n deanadh e a
ghiùlan fèin ath-leasachadh à so a mach. Bha
bhean thruagh gu buileach 'na breislich 's gun
i tuigsinn ciod a thàinig eadar an duine 's a
chiall. Thuit e mach gu'n robh a culthaobh
ris an dorus 'nuair a fhuair i 'n garbh dhùsg-
adh so. Bha i mar sin tur aineolach air math-
air-aobhair na trioblaid. Cha robh 'n t-agh
a' tuigsinn ciod a bu chiall do'n othail a bh'
ann, agus cha mhò bha i tuigsinn na cion aire
'bha i faotainn 'san teaghlach so ; ni ris nach
robh i idir cleachdte. Direach a chur 'nan
cuimhne gu'n robh i làthair, chuir i gu caomh,
caoimhneil, a gnos fuar, fliuch, air slinnean-
geal, nochdte, bhean an tighe. Thionndaidh
ise 's 'nuair a chunnaic i an cruth a bh' air an
urlar, sgread i cho cruaidh ri feadan eich-iar-
ainn. Bha leaba làn phcàisdean air taobh eile
'n t-sèomair ; dhuisg iadsan, 's cha b' i 'n
ribheid-san idir a b' isle. Bha 'n t-agh bochd
air a h-ais 's air a h-aghaidh, eadar an dà
leaba, a' feuchainn ri cluain a chur air an
teaghlach gun chiall a bha 'n so ; ach mar a
bu mhò a shaoithricheadh ise ann an obair na
seirc agus na sithe, 's ann a bu chruaidhe a
ghlaodhadh iadsan. Chuala, mu dheireadh,
cuid de na coimhearsnaich an ulfhartaich a
bha 'n tigh an fhigheadair, 's chaidh baoit
mhnatha as an tigh a bu dluithe a shealltainn
ciod a bha cèarr. Cha bu luaithe chuir i a
ceann a stigh air an dorus, 's a chunnaic i 'n
t-agh a' breugadh nam pàisdean, na theich i.
agus sgeul an fhuathais 'na beul. Chaidh i gu
tigh an fhoirfich is dh' innis i do 'n duine choir
sin, gu'n robh 'n diabhul ma sgaoil, 's gu'n
robh e aig a' cheart àm a' toirt leis teaghlach
an fhigheadair. "Co a thuirt riut," ars' esan,
"gur e Prionns an dorchadais a th' ann ? "
"Nach fhaca mi le m' shùilean fèin e," ars ise,
"adhaircean gaibhre air a cheann, blaigh-lin

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence