Skip to main content

‹‹‹ prev (104)

(106) next ›››

(105)
MAIRI NIGHEAN ALASDAIll RUAIDH.
27
'S math liibadh tu pic
O chùl-thaobh do chinn,
'Nam rusgadh a ghill,
Le ionnsaidh nach pill,
'S ail- mo laimh gu'm bu cinnteach saighead
Bu tu sealgair a gheoidh,
Lamh gun deannad, gun leon,
Air 'm bu shuarach an t-òr
Thoirt a bhuanachd a clieòil,
'S gu'n d't'huair thu na 's leoir,
'S ua chaitlieadh tu.
Bu tu sealgair an fheidh,
Leis an deargta na bein ;
Bhiodh coin earbsach air eill
Aig an Albanach threun ;
C'ait' am faca mi fein
Aon duine to 'n gbrein,
A dheanadh riut euchd flathasach.
Spealp nach dibreadh,
An oath, uan stri thu,
Casan direach, fad' finealt,
Mo chreach dhiobhail
Chaidh thu dhith oirn, le neart sine,
Lamh nach dibreadh caitheadh orr'.
'S e dh-fhag silteach mo shuil,
Faicinn t' thearainn gun surd,
'S do bhaile gun smùid
Fo charraig nan sùgh,
Dheagh mhic Chalum nan tùr a Ilarsa.
Och ! m' fheudail bhuam,
Gun sgeul sa' chuan,
Bu ghlè mhath snnadh,
Hi grein, 's ri f'uachd,
'S e chlaoidh do shluagh,
Nach d' fheud thu 'n uair a ghabhail or
Mo bhèud, 's mo bhròn.
Mar dh' eirich dhò
Muir beucach, mor,
Ag leum mu d' bhòrd,
Thu fein, 's do sheoid
'Nuair reub 'ur seòil,
Nach d'fhaod sibh treòir
A chaitheadh orr.
'S e an sgeul' craiteach
Do'n mhnaoi a d'fhag thu,
'S do t-aon bhratbair,
A shuidh na t'aite,
Diluain Càisge,
Chaidh tonn bait ort,
Craobh a b' aird' de 'n abhal thu.
CHUMHA MHIC-LEOID.
Cha surd cadail,
An runs air m'aigneadh,
INIo shuil frasach,
Gun surd macnais,
'S a' chùirt a chleachd mi : —
Sgeul ur ait ri eisdeachd.
'S trom an cùdthrom so dhrùidh,
Dh-fhag mo chùslein gun liigh,
'S trie snigh' mo shuil,
A tuiteam gu dlù ;
Chail mi iuchair mo chuil :
Ann a cuideachd luchd-ciuil,
Cha teid mi.
Mo neart 's mo threoir,
Fo thasgaidh bhord,
Sàr mhac 'Ic-Leòid,
Nan bratach sròil,
Bu phailt' ma'n or,
Bu bhinn-caismeachd sgeoil ;
Aig lùchd-astair
A's ceòil na h-Eireann.
Co neach ga'n eòl,
Fear t-fhasain beò.
Am blasdachd beoil,
'S am maise neoil,
An gaisge glois,
An ceart san coir;
Gun airceas na sgleò fèile.
Dh-fhalbh mo solas,
Marbh mo Leodach,
Calama, cròdha,
Meanamnach rò-ghlic,
Dhearbh mo sgeoil-sa,
Seanachas eolais ;
Gun chearb foghluim,
Dealbhach rò-ghlan t-eagaisg.
An treas la de'n Mhàirt,
Dh' fhalbh m'aighear gu brath,
Bi sùd saighead mo chraidh,
Bhi 'g amharc do bhàis,
A ghnuis fhlathasach àilt ;
A dheagh mhic rathail.
An àrmuinn euchdaich.
Mac Ruairidh reachd-mhoir,
Uaibhreich, bheachdail,
Bu bhuaidh leatsa,
Dualchas farsuinn,
Snuadh-ghlaine pearsa ;
Cruadail 's sraachd gun eucoir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence