Skip to main content

‹‹‹ prev (102)

(104) next ›››

(103)
MAIRI NIGHEAN ALASDAIR RUAIDH.
25
Creach nid an t-seobhaic,
Air a sgatha li aoii uair.
Ach a Chlann an fhir allail,
Bu neo mhalartaich' beusan,
Ann an Luiinuinn, 's am Paris,
Thug sibh baiT air na ceudan,
Chaidii n-ur cliù tharais
Thar talamh na h-Eiphit,
Cheann uidhe luchd ealaidh,
'S a leannan na feileachd.
Ach a fhriainhaich nan curaidh,
'S a chuilein nan leoghan,
A*s ogha an da sheanar,
Bu chaithreamaich' loistean ;
C'àit' an robh e ri fhaotuiiin
Air an taobhs' an Roinn-Eòrpa,
Cha b' fhurrasd ri t'haighiiin
Anns gach rathad, bu dòigh dhuibh.
Ach a Ruairidh nihic Iain,
'S goirt learn fhaighirin an sgeul-s' or
'S e mo chreach-sa mac t-athar,
Bhi na laidhe gun eiridh,
Agus Tormod a mhac-sa,
A thasgaidh mo cheille !
Gur e aobhar mo ghearain,
Gu"n chailleadh le cheil' iad.
Nach mòr an sgeul sgriobhaidh,
S nach ionghnadh leibh ts;in e,
Duilleach na craoibhe,
Nach do sgaoileadh am meanglan,
An robh cliù, agus onair,
Agus moladh air deagh-bheairt,
Gu daonachdach, carthannach,
Beannachdach, ceutach.
Ge goirt learn an naidheachd,
Tha mi faighinn air Ruairidh,
Gun do chorp a bhi 'san Dùthaich,
Anns an tuama bu dual dut ;
Sgeul eile nach fusadh,
Tha mi claistinn san uair so,
Ged nach tnir mi dha creideas,
Gur beag orm ri luaidh e.
Gur ro bheag a shaoil mi,
Ri mo shaoghal gu'n eisdinn,
Gun cluinneamaid Leòdaich,
Bhi ga'm fogradh o'n òighreachd,
'S a'n còraichean glana,
'S a'm fearann gun deigh air
'S ar ranntanan farsuinn,
Na'n rach-te 'n am feum sud.
Gu'n eireadh na t-aobhar
Clanii-Raonuill, 's Clann-Dòmhnuill,
Agus taigh Mhic 'lUeain,
Bha daingheann 'n-ur seòrsa,
Agus fir Ghlinne-Garaidh,
Nail tharais a Cnùideart,
Mar sud, a's Clann Chama-Shroin,
O champ Inbhir-Lòchaidh.
'S beag an t-ionghnadh Clann-Choinnich,
Dheaiiadh eiridh ri d' ghuailean,
'S gu'n robh thu na'm fineachd.
Air t-fhilleadh tri uairean,
'S e mo chreach gu'n do Chinneadh
Bhi ma chruinneachadh t-uaghach.
No glaodh do mhna muinntir
'S nach cluinntear, 's an uairs' i.
Tha mo cheist air an oighre,
Th'a stoidhle 's na h-Earadh,
Ged nai h deach' thu san tuam' ud.
Far bo dual dut o d' sheanair.
Gur ioraadh full uaibhreach,
A dh-fhuairich ad bhallaibb,
De shloinneadh nan righrean,
Leis na chiosaicheadh Manainn.
'S e mo ghaols' an sliocbd foirmeil,
Bh'air sliochd OUaghair, a's Ochraidh,
O bhaile na Boiibhe,
'S ann a stoidhleadh thu'n tòiseach ;
Gur ioma full mhorgha,
Bha recta sa chorp ud,
De shliochd armunn Chinntire,
larl' IV, agus Rois thu.
Mhic Iain Stiubhairt* na h-Apunn,
Ged a's gasd' an duin' òg thu,
Ged tha Stiubhartaich beachdail,
lad tapaidh 'n am foirneart,
Na ghabhsa meanmadh, no aiteas,
A's an staid ud, nach coir dhut,
Cha toir thu i dhaindeoin,
'S cha'n fhaigh thu le deòin i.
C'uim' an tigeadh fear coigreach
A thagradh ur'n Oighreachd ;
Ged nach eil e ro dhearbhta,
Gur searbh e ri eisdeachd,
Ged tha siiin' air ar creachadh
Mu chloinn mhac an fhir fheilidh,
Sliochd Ruairidh mhoir allail,
•S gur airidh iad fein oir.
* Stewart of Appin was married to a df gh'er of Mac-
Lei.d of Dunvegan, which made the MacLeods afraid
that he should claim a right to the esUte, on account of
Mac-Leod having left no male heir.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence