Skip to main content

‹‹‹ prev (544)

(546) next ›››

(545)
GHAIDHEALACH.
Ach dh" t'halbh na bliadhnachan thairis,
'S gun ach faileas ann diùbh,
Cha 'n fhaicear sealgair air bearradh,
'S an cròcach maiseach roimh 'n chù ;
iVig Cluaidh fhuaraidh na reòta.
A chuir fo leòn mi 's a' chùil,
Gus an d' thàinig na Còmh'laich,
Le sunnd na h-òige 's e ùr.
Tiiàinig maighdean a' Ghlinne,
Bho Ruadhail linneach nam bruach,
Fhuair mi fàilte na h-òighe,
Le (hiais a dh' fhògair mo ghiuaim,
Culaidh chathach nan Gàidheal
Rei<lh, gun dàil a cuir suas,
'S rinn mi siùd mar a b' àbhaist
Gun chuimlin' air fàillinn no fuachd.
Tha geal 's dubh air do bhòidhclie,
Le sunnd na h-òig' ort gun bheud,
A's sèimheachd maise do nàduir
A' buan fhàs leat da rèir,
Eiridh tomhas iis ùr dheth,
Gach bliadhn' a chrùnas do bheus,
A's ruigidh beannachd o 'n bhàrd thu,
Gus an teirig Gàidhlig 'n a bheuh
Bha Mac-Dubli ann o 'n Ghàraidh,
'S cha ghràin anmoch a phòr,
A dh' fhàs o fhreumhach Chloinn-Laomain,
A ghleidh sibh daonnan 'n ar còir,
Dhion sibh Oighre na h-Airde,
Gun taing a'n àrfhaich nan spòl,
Bha mùgaich Shasuinn ga 'n ruagadh,
'S bu bheag a fhuaradh dhiubh beò.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence