Skip to main content

‹‹‹ prev (543)

(545) next ›››

(544)
OBAIN.
Air leabaidh làir, etc.
Mi 'n diugh 'san dè air cnoc leam fhèin
A' sileadh dheur 's mi turaman. \
Mi 'n diugh 'san dè, etc.
Rìgh nan dùl cum rium mo chiall
Cha robh mi riamh 's a' chunnart so.
Rìgh nan (bM, etc.
'8a Mhairearad òg 's tu riun luo leòn
'S tu dli'fhàg f(i bhròn 's fo mhulad mi.
GLEANN-DA-RUADIfAlL A' BHARRATCH.
AiR do 'n deise Ghàidhealaicli aig Uilleam Mac-Dhun-leibho, (am
l)àrd Ueach) a bhi fàs lom, chuir nighean òg, agns l)nidhean de
dhaoin'-uaisle a mhuinntir Chòmhail an comnairle r'a chèile agns
dh' aontaich iad deise ùr Gàidhealacli a thoirt do 'n bhàrd. Ann
an èirig an deise, fhuair iad an t-òran a leanas o'n bhàrd. Cha
robh e riamh roimhe an clò.
Seisd. — Gleann-da-ruadhail a' bharraich,
Gleann an darraich 's an fhraoich,
Gleann a' choilich 's a' bhradain,
Gleann an rainich 's nan craobh,
Gleann nan doireachan uaine,
Gleann nam fuaran nach traoigh,
Tha lusan slàint' air do chluaintean ;
Beannachd buan a'd dhà thaobh.
A Chòmhail chorraich nan garbh shlios,
Aig còrsan ainmeil nan seòl,
Far am faicear an ràmhachd,
'S muir thar àirde nam bòrd :
Bu tric a chòisich mi 'n t-astar
Air aonach fàsach nam bò,
'Tha eadar lùban Ard-ghartan
A's suidh Artuir Ghlinn-crò.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence