Skip to main content

‹‹‹ prev (520)

(522) next ›››

(521)
GHAIDHEALACR.
'N uair chunnaic sinn an àird e^ 's a' fàs as ar cionnn chu
dùmhl',
A' tuiteani o na speuran, 's a' deanadh oirnn gu niath dlùth ;
Bha ouid ag ràdh ri chèile, " 's e so an reul às an robhj 'n
smùid,
'S mar an e 's e 'n t-àibhistear e, 's daoine caillte sinn co-dhiù."
'S e bu luaithe na ghaoith, an uair a shaoilt' e bhi 'n a stad,
'S ged a chìt' e tigh'n gu talamh, b' fhaisg do'n ghealaich e
gun ag;
Fhuair sinn an aon sealladh air, 's gach àit' 'n fhearann so
cho grad, [air fad.
'S gu 'n tugadh iomadh barail air ach thug e'n car àsainn
Thionndaidh e anns gach euma, 's dh' atharraich e dusan dath,
Bhiodh e uaine, dearg a's buidhe, lachdunn, odhar, duhh, a's geal,
Donn a's gorm, ruadh a's riabhach 's uair a' dol 'n a stealla
glas, [glais.
Bhiodh e uair cho mòr ri mullan, 's uair cho beag ri ubh eòin-
Thug e Cille-Bhrìd' air, 's da-rìreadh cha b'ann 'n a thàmh,
Tha sin mòr r'a ìnnseadh, na mìorbhuillean rinn e ann^
Rinn na daoin' an dìchioll, g'a mhìneachadh neo-air-thaing.
Ach tha e fad r' a sgrìobhadh, 's ro lìonmhor r'a chuir an
cainnt. ^
Bha e shios 's an Odh' aca, seòladh os cionn nan ci-eag,
Eadar Tòrv-na-Mònadh a's còrsaichean Thòrr-a'-Clineimh ;
Cha d' fhan cathag bheò ann^ na ròcaideach nach do theich,
'S mar 'n do theich na daoine, cha 'n fhaod sinn a bhi g'a
chleitli.
(ìed nach d' rinn e oron oirnn, ach gabhail thairis os ar cionn,
Cha mhòr a rachadh fagusi da, 's an àm a stad e air a ghrunnd ;
Bha sinn ceàrr am bitheantas gus an d' fliuair sinn fios a chur
a nunn.
'S thug iad dhuinn, na daoine laghach ainm 's a shloinneadh
"am Balonn."

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence