Skip to main content

‹‹‹ prev (141)

(143) next ›››

(142)
122 OEAIN.
'S ann dh'fhoighnich a' bhean-sheinnse dhioni,
Gu furanach 's gu foighneachdach,
"Na cò'n duin'-uasal loinneil ud,
'S e 'cur a choimhneis oirnn. "
No cò 'n duin', etc.
Duine smearail, suairc^ thu,
Ged thug cach lain-dubh-na-h-uamha ort ;
Bu tric an comunn uaislean thu,
Gach uair 'n uair bhiodh tu 'g òl,
Bu tric an comunn, etc.
'N àni suidh' anns an tigh-sheinnse dhuit,
Cha chuirm gun cheòl a phàigheadh tu,
Ach cluich a's ceòl a's gàireachdaich,
A's geàrrachas mu'n bhòrd.
Ach cluich a's, etc.
Ol gu sunndach, suigeartach,
Gun sproc, gun ghruaim, gun bhruigireachd ;
Cha stòp a ghlaodhainn idir dhuit.
Ach pige mar-ri còrn.
Cha stòp a, etc.
j/ 'S beag ioghnadh thu bhi àillgheasach —
Gur rioghail am mac Gàidheil thu ;
'S iomadh teaghlach stàtail
'M bi do shlàinteachan 'g an òl.
'S iomadh teaghlach, etc.
tO — Thig na h-airm gu h-ionalta,
Air feileadh geàrr an ioma-chuir,
Lann tana, gorm, geur, guinideach,
'S iad fulangach gu leòir.
Lann tana, geur, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence