Skip to main content

‹‹‹ prev (140)

(142) next ›››

(141)
GHAWUEALACU.
Ceud soiridh leis na bràithribh sin,
A dh'fhalbh an dè mu'n tràth so uainn.
Bha Ailein a's bha Rà'ull ann,-
'S ur faicinn slàn gu leòir
Bha Ailein, etc.
2j^^ Ceud soiridh do'n triall chùramach,
A dh' fhalbh leis an triall Mhùideartach ;
Ach thusa, Righ, bhi 'd stiùramaich,
Air chùlaobh nam fear òg !
Ach thusa, Righ, etc.
2o Bha oighre Chaisteil-tioraim ann ;
Gu'm b'fhoighneachdach luchd-ionaid ort
'S e sùgh na feòla mire
Bha ri sileadh ann ad phòir.
'S e sijgh na feola, etc.
ff ^ ~Thig clèoc' de'n t-sioda Spàinneach ort,
'S na ginidhean 'g- am pàigheadh air,
Mu chom 's gun mheang ri àireamh air,
Ach àilleachd anns gach dòigh.
Mu chom, etc.
'S tu sealgair fèidh am beanntanan,
An àrd 's an iosal ghleanntanan ;
Gur uasal brigh do Unnteanan ; "S ii i ^ c
'S tu'n crann a dh' fhàs gun bhòsd
Gur uasal, etc.
IS . Nàmhaid geòidh a's cathain thu.
Ròin mhaol ri taobh na flathadh thu :
Bidh 'n dòran-donn an tathunn leat,
'S bidh abhag air a lorg.
Bidh 'n dòran, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence