Skip to main content

‹‹‹ prev (130)

(132) next ›››

(131)
GHAIDHEALAOH.
Do ghillean cho fileant gu reefadh a h-aodaich,
Ainmeanan bòidheach aid ròpanan caola ;
'S ma 's e 's gu'n tig ceò ort ga 'seòladh roimh 'n chaolas,
Bidh fear air gach taobh dhi le lanndair.
Dòmhnull, etc.
Tha uaislean a' bhaiie so 'tighinn gu straiceii,
Le 'm brataichean geala 's am bathar gu d' bhàta,
A' phacaid bheag Liosach 's i 'tighinn gu sàbhaill',
Le im agus cais' gu Mac-Labhrainn.
Dòmhnull, etc.
'S e 'm fasan a bh' agad 'n uair bha thu 'n tus d' òige,
Air tilleadh do Glaschu dhachaidh thar vò^e.
Dh' òladh tu uile do chuid san tìgh-òsda,
'S shuidheadh tu comhl' ri fear Gallda.
Dòmhnull, etc.
Tha balaich a' bhailc so 'lachairt ort daonnan,
Eagal nam hlackguardan 's bail lonar-aora ;
Cha b' ioghnadh leam idir ged shèideadh tu caonnag,
'N uair chi iad thu, laochain, 's an dràm ort.
Dòmhnull, etc.
ORAN DO BHOCHDAIBH NA RIOGHACHD.
Le Calum Caimbeul Mac-Phail.
Tha bochdan na rìoghachd fo bhinn a tha cruaidh,
Aig uachdarain tire, 's fo chis aig an t-sluagh :
An deirc cha 'n fheud iad iarraidh 's an obair tha i gann,
'.S gun ni ach tigh nam bochd, 's b' fhearr bhi crocht' na bhi
ann.
Tha Gàidhealtachd na h-Alba gu dearbh na 'h-aobhar bhròin,
Far an robh na miltean do ghrlnn ghillean òg,
Sean daoine fìachail agus fìal mhnathan còir,
A's caileagan bu chijbhraidh na 'n drìichd air an lòn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence