Skip to main content

‹‹‹ prev (129)

(131) next ›››

(130)
110 ORAIN.
Am bàta dubh, daraich a th' agad-sa daonnan,
Cosnadh an arain ag aiseag nan daoine ;
Cha 'n fhan thu aig baile latha gaillinn no gaoithe,
Gur coidheas leat faoilteach no sàmhradh !
Dòmhnull, etc.
Sgiobair gu stiùradh 's a shùil air an iarmailt ,
'S i gearradh muir dhù-ghorm gu dùthaich na riaghailt
'S e baile nam bùthan tha 'n iùrach ag iarraidh,
Cho luath ris an fhiadh 's e 'n a dheann-ruith.
Dòmhnull, etc.
Rì brais' an t-srulh lionaidh gu sinteagach uallach,
'N uair shèideadh am breeze oirre shineadh i guala ;
Theid i gu dìreach gu tìr nan daoine uaisle,
Ged sheideadh e cruaidh ann an ceann oirre.
Dòmhnull, etc.
'N uair thog thu sii4Ìl bhàna ri bàrr a croinn chaola,
Leumadh a's chrathadh i, 's ghabhadh i'n aodainn,
Sgrogadh tu bhoineid da chromadh air d' aodan,
'S tu 'gearan an t-aodach bhi gann oirr'.
Dòmhnull, etc.
'S e Mac-Ille-Dhuibh a fhuair urram a' chruadail,
Sgoilteadh e 'm buinne na 'mheallaibh o 'cruachainn ;
Seall sibh na luingeas air eagal am fuadach,
A' fuireach an Cluaidh fad a' gheamhraidh.
Dòmhnull, etc.
Thu tighinn gu seòlta 's tu eòlach 's na sgeirean,
Tha cHù ort, a Dhòmhnuill, feadh chòrsaichean eile ;
Do chombaist an òrdugh ga 'seòladh 's an deireadh,
Ga 'd chumail bhar Eilean-nan-gamhna.
Dòmhnull, etc.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence