Skip to main content

‹‹‹ prev (233)

(235) next ›››

(234)
212 MODERN GAELIC BARDS.
D'a còrsa giirbh tha bèarnach, creagach, liath,
Thig gaoth thar sail le gàir o 'n àirde-'n-iar,
A' giùlan blàths is slàinte air a sgiath
'S glan fhianih do shiol nam beann.
Tha 'm fr;ioch gu bòidheach còmhdach slèibh is cruaich ;
Fìor shamhladh è 'na ghnè do 'n dream mn thuath:
So-lùbach, tlàth ; ach làidir, righinn, cruaidh,
'S cho buan ri luibh a th' ann.
An soillse 's gi'uaim tha tuar air tir mo speis,
Gun choimeas, grinn, nach cinn air dùthaich chèin :
Mar shùilean blàth mo ghràidh, fo dhèarrsadh grèin",
Mar ghnùis fir thrèin, fo ghreann.
Tog ort, a gheamhraidh chranndaidh, thar a' chuain ;
Teann thusa nall. a shamhraidh, 's ruaig e bhuainn ;
Tha miann mo chrìdh' air sgrìob a thoirt gu tuath,
Gu luath, an còir nan gleann.
C'ha 'n e Ceann-tìr, no He gorm an fheòir,
Druim-Albann àrd, Ceann-tàil, no 'n t-Eilean Leòbhas ;
Cha ghleimn, cha chrìoch, cha sgìre bheag no mhòr
Mu'm bheil mo cheòl 's mo rann ;
Ach Tìr nan treun, gii leir, o dheas gu tuath:
Gu 'm mair ar dìlse dhì-sf daingeann, biian ;
Gu 'n seas sinn dlùth a chum a cliù chur suas
Is buaidh dhi anns gach àm.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence