Skip to main content

‹‹‹ prev (219)

(221) next ›››

(220)
200 MODERN GAELIC BARDS.
Da shùil lasrach 'an clar aodainn,
Nach robh choimeas farasd fhaotainn,
Sròn cho fada ris an taobhan,
'S paidhir adhaircean air a cheann :
Dh' eirich mi gu grad air m' uilinn,
'S thug mi ionnsaidh air a' ghunna,
Ach cha d' thug e suim no umhaii.
Mar gu 'm b' iomhaigh umha bh' ann.
Spion mi bhoineid bharr mo bhathais,
Dh' aithris mi mo chreud 's mo phaidir,
Ghearr e leum is rinn e sraitheadh,
Mar fhuaim canain ann am chUiais :
Cheart cho fior 's tha sròn air m' aodann,
Chuala mi gu soilleir gleadhraich,
Mar gu 'm bithead tu a' slaodadh,
Slabhraidh chaol thar chlachan cruaidh.
Righ gabh agam ! Sin e rithist !
Thog mi 'n gunna 's leig mi ris i,
Dh' eirich e mar eun air ite,
'S teine drilsneach as a dheigh:
Le stoth pronnaisg 's toit an fhùdair,
Thuit mi seachad air an ùrlar,
'S 'nuair a dh' fhosgail mi mo shùilean,
Cha robh dùil leam ach mi-fhein.
Dh' fhàs a nis an oidhch' ro shalach,
Bhrùchd na tuiltean troimh na gleannaibh,
Fhreagair creag is beinn le farum,
Fuaim na gaillinn air an raon ;
Las aJi iarmailt suas mar fhùirneis,
Le tein'-athair ghathach, lùbach,
'Na dearg still mu chinn nan stùcan,
'Leum na spùt o thaobh gu taobh.
Ach, mu dheireadh, bhrist an latha,
'S thionndaidh mi mo cheum gu baile,
Thug mi sùil air cùl an tighe,
Dh' fheuch am faighinn lorg an laoich ;
Ach an àite crodhain Bhàtain,
Bhi r'am faicinn anns a' chlàbar,
'S ann a fhuair mi each a Ghàidseir,
Toll 'na mhàileid 's fuil mu 'n fhraoch.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence