Skip to main content

‹‹‹ prev (218)

(220) next ›››

(219)
DONALD MACKECHNIE. 199
SEACHARAN SEILQ.
Chaith mi 'n latha. 'n deigh na faghaid,
Air feadh bheann is ghJeann is dlioire,
Gus an d' chaill mi anns a' choille,
Toirm nan gadhur 's lorg an fheidh ;
'S o'n bha 'n oidhche air tigh'nn irasach,
Sheall mi aii- son àite fasgaich,
Far am faighinn leaba 'nasgaidh,
Am measg chàrna glasa 'n t-sleibh.
Fhuair mi sud aig bun a' bhruthaich,
Bothan-àiridh air dhroch thughadh,
Toll 'na mhullaeh air son luidheir,
Sgroth 'san iiimieig, taobh na gaoith ;
Sgathach bheithe air son còmhlaidh,
Nach ceileadh a' bheag de 'n dòlas,
'S a' chur eagail air na bòcain,
Rinn mi dòigh air teine fhraoich.
Bha. isean feannaig ann am phòca,
Air nach d' aniais moran clòimhtich,
Chuir mi car dheth anns a' bheòlaich,
'S bha e ròist' agam gu m' riar :
Choisrig mi an creutair neò-ghlan,
Le deur be-ag de shùgh an eòrna,
'S ged nach robh a' chuirm ro-shòghmhor,
'S niairg bhiodh tòrmasach mu'n bhiiidh.
Mar is gnàth leam an deigh feisde,
Rinn mi phiob thombaca 'ghleusadh,
Thug mi 'n taod a ceann mo reusain,
'S leig mi fad na srein le 'm smuain
Ghabhail iolla. ris na dealbhan,
A bha 'g eirigh suas 'so. ghealbhan,
Samhladh faoin air nithe talmhaidh,
Faileis anfhann anns an luath.
Anns a' cheò bha snàmh mu 'n cuairt orm,
Cruthan caochlaideach a' gluasad,
A' cur m' inntinn ann am buaireas,
Nach 'eil soirbh a luaidh 'an cainnt :
Cha robh buidseachd a' cur sgleò orm,
'S cha robh geilt orm roimh bhòcain,
Ach bha cruth air bràigh na còmhladh,
A chuir m' fheòil air chrith 's gach reang.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence