Skip to main content

‹‹‹ prev (183)

(185) next ›››

(184)
166 MODERN GAELIC BARDS.
DO 'M DHACHAIDH.
Melody by Iain Mac Cahim.
Mo bhothan beag lurach
Am fasgadh a bhruthaich,
0, 's mise nach d" thugadh air stòras e ;
Ged gheibhinn-se saoibhreas
Is tigh mòr na h-oighreachd
Cha 'u fhaighinn-se 'n sonas tha chùmhnuidh ann.
'Nuair bhios mi bho'n bhaile,
'S mi sgith a' tighinn dachaidh,
Mi fadalach, airsneulach aonarach ;
'Nuair ruigeas mi m' fhàrdach
'S a chi mi mo phàisdean,
Gach aon a' ruith ann am chùmhdhail dhiubh.
Is trie a tha 'n saoghal
Toirt «allach r'a shlaodadh,
Is cùram nach faoin a' dol còmhla ris ;
Ach sud leis a' ghaoith,
Gach cùram 's an t-saoghal,
'Nuair thig iad le faoilte thoirt pòige dhomh !
Mo bhean is i rem ham,
Le aoidh anns an dorus
A' sealltuinn an deighe a" chròilein ud ;
Ged 's fhada an liine
Bho'n sheòl i air tùs Ie;im,
Ar gaol tha cho ùr 's 'nuair a thùisich e.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence