Skip to main content

‹‹‹ prev (182)

(184) next ›››

(183)
JOHN CAMPBELL, 165
Seisd : —
0, theid mi g'ad amharo
0, theid, 0, theid ;
O'n fhuaii' mi uait gealladh
An de, an de ;
Cha bhi mi na's fhaide
Leam fein, leani fein,
'S gu'n dean sinn e daingeann
Le cleir, le cleir.
Tha 'n latha dol seachad
Gun fheum, gan fheum,
Is mise, 's mi fathiist
Gun te, gun te ;
'S e dh' fhàg mi cho falamh
Gu leir, gu leir,
Bhi fada 'san tarniing,
'S mi ceum air cheum.
Is iomadh sean-fhleasgach,
Mo chreach, mo threach,
Na 'n innseadh e 'n fhirinn
Le dreach, le dreach,
Gu 'm b' fhèari' leis bhi sinte
Gu h-iosal a chaoidh
Na 'n saoghal a shiubhal
A rithis gun mhnaoi.
A' direadh a' bhruthaich
Le sgairt, le sgairt,
Cha shaoil e gu bràth
Gu 'm feum e cul-taic ;
'Nuair ruigeas e 'm mullach,
A' call a chas,
A nuas leis an leathad e
Car air a' char.
Na bitheam 'san àireamh
A ghaoil, a ghaoil ;
Thoir thusa do làmh dhomh
Gu saor, gu saor,
No gabhaidh tu 'n t-aithreachas
Latha nach saoil,
'S bidh mise gu mhath dheth,
'S te eile ri m' thaobh.
Sin a nis agad
Mo bheachd, mo bheachd,
'S do chridhe ma th' agam,
Na fuirich air t' ais ;
Ma 's toigh leat an coisich'
Na feith ris an each,
Tha 'n òige 'dol seachad,
'S tha 'n aois a' teachd.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence