Skip to main content

‹‹‹ prev (319)

(321) next ›››

(320)
l-l
252 Bàrdachd Ghàidhlig.
Gun de chèile aic' ach an damh,
6660 'S e as muime dhi ieur is creamh ;
Màthair an laoigh mheanbhbhric mhir,
Bean an fhir mhallrosgaich ghlain.
Is siùbhlach a dh'fhalbhas e raon,
Cadal cha dèan e 's an smùir;
6665 B'fheàn- leis na plaide fo thaobh
Barr an fhraoich ghaganaich ùir.
Gur h-àluinn sgèimh an daimh dhuinn
Thèamas o shireadh nam beann :
Mac na h-èildo ris an t-sonn s- .ì^ojl
6670 Nach do chrom le spìd a cheann.
Eilid bhinneach mheargant bhallach
Odhar eangach uchd ri h-àrd,
Damh togbhalach cròiccheannach sgìamhach
Crònanach ceannriabhach dearg.
6675 Gur gasda a ruitheadh tu suas
Ei leacainn chruaidh is i cas ;
Moladh gach aon neach an cù :
Molaim-s' an trù tha dol as.
Creag mo chridhe-s' a' Chreag Mhòr,
6680 Is ionmhuim;! an lòn tha fo a ceann;
Is annsa an lag tha air a cùl
Na machair is mùir nan Gall.
M' annsachd Beinn Sheasgach nam fuaran,
An riasgach o'n dèan an damh rànan;
6685 Chuireadh gadhar as glan nuallan
Fèidh 'nan ruaig gu Inbhir Mheuran.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence