Skip to main content

‹‹‹ prev (318)

(320) next ›››

(319)
Oran na Comhachaig. ' 251
Bu lìonmhor cogadh is creachadh
Bha an Loch Abar anns an uair-sin,
C'àite am biodh tusa 'gad fhalach,
A eoin bhig na mala gruamaich?
6635 Is ann a bha chuid mhòr de m' shinnsear
Eadar an Innse 's an Fhearsaid ;
Bha cuid eile dhiubh mu'n Dèabhadh,
^ Bhiodh iad ag èigheach mu fheasgar.
An uair a chithinn-sa dol seachad
6640 Na creachan agus am fuathas
Bheirinn car beag bharr an rathaid
Is bhithinn grathunn an Creig Uanach.
(/ Creag mo chridhe-sa Creag Uanach,
Creag an d'fhuair mi greis de m'àrach;
6645 Creag nan aighean 's nan damh siùbhlach,
A' chreag ùrail aighearach ianach.
A' chreag mu'n iadhadh an fhaghaid,
Bu mhiann leam a bhith 'ga tadhal,
An uair bu bhinn guth galain gadhair ^
6650 Ag cur greigh gu gabhail chumhaing.
Is binn na h-iolairean mu bruachaibh, /S
Is binn a cuachan 's Ibinn a h-eala ; .
Is binne na sin am blao^lian '^/
Ni an laoghan meanbhbhreac ballach.
6655 Gur binn leam torman nan d_os
Ei uilinn nan corrbheann cas ;
Is an eilid bhiorach 's caol cos
Ni fois fo dhuilleach ri teas. ,
t, C-C^' ^

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence