Skip to main content

‹‹‹ prev (52)

(54) next ›››

(53)
DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT. 49
an gabhadh sluagh ri mac an rìgh. An sluagh,
mo chreach ! a' mhòr chuid, a ta suidhicht' air
olc agus air an cruadhachadh ann an ceannairc,
a' deanamh tàire air an èideadh ìosal, bho(f,'neo-
sgìamhach anns am facas mac an rìgh, cha
chreideadh ìad idir gu'm b'è mac an rìgh. Cha
b'fhìach leo idir, mar mhac rìgh, duine cho
ciiiin, cho iriosal agus cho gràdhach. Is ànn a
dheanadh ìad, an lorg nam buaidhean sin, fanaid
agus dìmeas air. Dh-f haodadh beagan sluaigh a
bhi 'n am measg a bha toileach dealachadh ri
comunn nan ceannairceach, ach a bha fathast fo
theagamh an gabhadh maitheanas faotuinn gus
an tainig mac an Eìgh. Chitheadh iad sin 'n a
ghnùis, chluinneadh ìad 'n a bhriathraibh, agus
gheibheadh iad 'n a uile shlighibh, nithe mais-
each leis am bitheadh ìad air an tàladh gus am
muinighin a chur ànn ; agus gus an deanamh
cìnnteach air maitheanas o'n rìgh, 'athair. Gheibh-
eadh ìad gach nì do rèir mar dh-aithnicheadh iad
da rìreadh cò è agus ciod è am mac. Ah seadh,
agus cò riamh d'arii aithne gur è losa Emànuel,
Dia maille ruinn — cò riamh a chunnaic 'n a
theachd, ann an gràdh agus ann an tròcair do'n
t-saoghal cheannairceach so " gu'n robh Dia ann
an Criosd, a' deanamh an t-saoghail rèidh ris-
fèin, gun a bhi a' meas an cionta dhoibh" — gun
a choguis a bhi air a sìtheachadh, a chridhe air a
dheanamh socrach, agus 'anam air a neartachadh
gu aideachadh gur è losa a Shlànuighear, a
chuibhrionn, agus na h-uile nithe dhà ?
Ach is beag a labhair sinn fathast air an àrd
theagasg so. Dh-f haodadh na chaidh a ràdh a bhi
air a labhairt 'nuair a bha losa ag imeachd air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence