Skip to main content

‹‹‹ prev (51)

(53) next ›››

(52)
48 DEARBn-BHEACHD AIR SLAINT.
thoirt g\\ ùmhlachd. 'An àit sin a dheanamh,
buinidh è riu le gràdh mòr, a' gnàthachadh gach
meadhoin, a b'urrainn cridhe gràdhach a dheilbh,
a chum an toirt air an ais gu ùmhlachd dhà.
Cuiridh è teachdairean glice d'an ionnsuidh — cuid
diubh ann an inbhe àrd agus cuid ann an inbhe
ìosal — a chum an comhairleachadh, am misneach-
adh, a chum rabhadh a thoirt doibh agus guidhe
orra pilleadh. Ach cha phìll ìadsan an dèigh sin
uile. Tha ìad cho ceannairceach 's a bha ìad
riamh, agus an cridheachan a' sìor-chruadhachadh
na's mò agus na's mò. Mu dheireadh bheir an
rìgh ionnsuidh chaoimhneil eile air an cìosnach-
adh. Cuiridh è a mhac fèin d'an ionnsuidh, ach
cha n-ànn le armailt mhòir a chum dìoghaltas a
dheanamh air an eas-ùmhlachd, agus a chum
ìad-fèin a sgrios le teine agus claidheamh mar
thoill ìad ; cha n-ànn idir, ach a chum frithealadh
dhoibh 'n an uireasbhuidh. Thàinig am Mac
anis ann an èideadh fior iriosal, agus chithear è
ud, ameasgnan ceannairceach,'us è nis a'saothrach-
adla 'n am measg gu caomh, caoimhneil, — a' sìth-
eachadh am bròin — a' slànachadh an crèuchdan — a'
frithealadh d'an easbhuidhean air gach dòigh — ag
ìnnseadh dhoibh gu'm bheil mòr thruas aig 'Athair
riu — gu'm bheil è ullamh agus toileach an gabhail
air ais air bàll — agus làn mhaitheanas anns na
chaidhseachada thoirt do gach aon diubh a philleas
ris, a ghèilleas dà, agus a tha toileach a thròcair a
ghabhail. Ach aig an àm chèudna, tha am Mac
ag ìnnseadh dhoibh gu soilleir gu'm bàsaich gach
duine ceannairceach nach pUl gu ùmhlachd.
Agus ciod anis an toradh a thigeadh à cùis mar
sin? Bhitheadh an toradh do rèir na dòigh air

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence