Skip to main content

‹‹‹ prev (33)

(35) next ›››

(34)
30 DEARBH-BHEACHD AIR SLAINT.
ghairm leis aa do ghairmeadli sinn', Beachdaich-
eamaid anis air an dearbhadh a gheibhear air so
ann am focal Dhè.
Is àrd dhearbhadh air an teagasg so, an Litir a
chum nan Eòmanach. Tha 'n Litir sin air a
roinn 'n a tri earrainnibh. A' cheud earrainn, o'n
cheud gus an ochdamh caibdeil, a' labhairt gu
soilleir, làn air ar staid do thaobh nàduir, a'
mineachadh mar tha lagh naomh Dhè a' coinn-
eachadh na staide sin, mar tha saorsa trid ar
Tighearn losa Criosd, agus mar gheibhear uile
thoraidhean glòrmhor na saorsa sin, araon anns a'
bheatha so agus anns a' bheatha ri teachd. Grheibh-
ear an earrainn sin de'n Litir a' co-dhùnadh leis
na briathraibh àrd, aoibhneach so : — " Ciod uime
sin a their sinn ris na nithibh sin ? Ma tha Dia
leinn, cò 'dh'f heudas a bhi 'n ar n-aghaidh ?
" Cò a chuireas coire sam-bith à leth daoine
taghta Dhè ? Is e Dia a dh'f hìreanaicheas. Cò a
dhiteas? Oir tha dearbh-bheachd agam nach bi
bàs, no beatha, no aingil, no uachdaranachdan, no
cumhachdan, no nithean a tha làthair, no nithean
a tha ri teachd, no àirde, no doimhne, no creutair
sam bith eile comasach air sinne a sgaradh o
ghràdh Dhè a tha ann an losa Criosd ar Tigh-
earn." Ròm. 8. 31-39. Nach dearbh-bheachd sin
air slàint ! Ma's urrainnear dearbh-bheachd ìnn-
seadh le càinnt, gu cìnnteach tha è air a làn inns-
eadh leis na briathraibh sin !
Gheibhear an t-Abstol anns an dara pàirt de'n
Litir so, caibdeil ix. gu caib. xi. a' labhairt air
brìgh na tha anns a' cheud earrainn di, air dàimh
àraid Dhè ris na h-Israelich, a phobuU fèin ; agus
anns an dara caibdeil deug, an treas earrainn de'n

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence