Skip to main content

‹‹‹ prev (34)

(36) next ›››

(35)
DEARBH-BHEACHD AIR 8LAINT. 31
Litir BO, gheibhear iomadh earail a' teagasg do
mhuinntir gluasad do ghnàth ann an cleachdadh
na diadhachd, agus ann an ùmhlachd. Agus
thugamaid fainear gu cùramach mar tha na
h-earailean prìseil sin a' tòiseachadh. " Air an
aobhar sin guidheam òirbh," deir an t-Abstol, "a
bhràithrean tre throcairibh dhe, bhur cuirp a
thoirt 'n am beò-ìobairt, naomh, thaitnich do Dhia,
DÌ a's e bhur seirbhis rèusonta." Ròm. 12. 1.
"Tròcairean Dhè" — a thròcairean mar tha ìad air
am fosgladh suas dhuinn anns a' cheud earrainn
de'n Litir, caib. i. gu caib. viii. agus air an ainm-
eachadh anns a' cheud rànn de'n dara caibdeil deug,
— a thròcairean do Israel mar tha ìad air an riochd-
achadh amach anns an dara pàirt de'n Litir, caib.
IX. gu caib. XI. — is ìad sin am bonn air am bheil
an t-Abstol a' guidhe òirnn, mar a "bhràithrean,"
sinn-fèin a thoirt suas do Dhia ann an cèum na
h-ùmhlachd a ta air a chomharrachadh amach
dhuinn anns na h-earailibh a leanas. Ach ciamar
a mhothaicheas mi brigh, no neart, no cumhachd
nan earailean sin, ma tha mì fathast a' cur teag-
amh ann mo chòir air tròcairibh sin Dhè, leis am
bheil mo chòir air a toirt dhomh ? Ciamar a
bhitheas mi air m'aomadh gu ceart leis na
h-earailibh sin mur creid agus mur tuig mì mar
Chriosduidh gur mì aon de na " bhràithrean" sin
ann an Criosd, ris am bheil na h-earailean a'
labhairt? no ciod is fheàirrd mis' ìad, ma's ànn
le teagamh a dh'èisdeas mì ìad ?
Ach gheibhear tuiileadh dearbhaibh, a ta fìor
shoilleir, anns an Litir so chum nan Eòmanach.
Gheibhear earailean anns a' cheud earrainn dhì,
cho maith 's a gheibhear anns an treas earrainn.

Images and transcriptions on this page, including medium image downloads, may be used under the Creative Commons Attribution 4.0 International Licence unless otherwise stated. Creative Commons Attribution 4.0 International Licence